Main content

Cluinnidh sinn mu Sheonaidh Cattanach - tha cuid ag ràdh gur e an cluicheadair iomain as fheàrr riamh.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 19 Apr 2017 23:00

Clip

Litir 926: Iain Catanach, ‘Prionnsa’ na Camanachd

An cuala sibh riamh air Iain no Seonaidh Catanach? Tha cuid a’ cumail a-mach gum b’ e an cluicheadair a b’ fheàrr riamh a thog caman, co-dhiù bho Linn Oisein. Tha mi gu mòr an comain a’ chraoladair is òraidiche, Ùisdean MacIllInnein, airson m’ aire a thoirt don laoch seo. Tha Ùisdean air obair mhòr a dhèanamh airson aire dhaoine a thoirt do dh’eachdraidh is dualchas na camanachd.

            Le ainm mar Catanach, cha chuir e iongnadh oirbh gun do bhuineadh Iain do Bhàideanach. ʼS ann a’ cluich do Bhail’ Ùr an t-Slèibh a dh’fhàs e ainmeil mar chluicheadair iomain. Chì sinn, ge-tà, gun robh e fìor mhath air spòrsan eile cuideachd.

            Rugadh e ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a còig (1885), an neach a b’ òige de cheathrar cloinne aig Uilleam is Anna Chatanach. Bha Uilleam na mharsanta ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh. Fhuair Iain – no Seonaidh – a chuid foghlaim ann an Sgoil Bhail’ Ùr an t-Slèibh agus Sgoil Cheann a’ Ghiùthsaich, mus deach e air adhart gu Colaiste Sheòrais Watson agus Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e ceum anns na h-Ealain agus an uair sin ann an Eòlas-leigheis. Bha e ag obair mar dhotair ann an Sasainn agus sa Chuimrigh.

            Bha e na lùth-chleasaiche air leth agus gu math luath mar ruitheadair. Ann an naoi ceud deug ʼs a naoi agus a deich (1909/1910) bhuannaich e an leum-fhada ann am farpaisean Oilthigh Dhùn Èideann agus chaidh a thaghadh mar riochdaire don oilthigh ann am farpaisean eadar-oilthigheach. Bha e cuideachd sònraichte math mar chluicheadair hocaidh. Chluich e airson sgioba hocaidh na h-Alba.

            Ach ʼs e a’ chiad chaman a thog e fear na h-iomain agus ʼs ann mar sin as motha a tha e air a chuimhneachadh. Bha na sgilean camanachd aige air leth. Bhiodh e a’ bualadh ball suas le caman, agus a’ ruith timcheall craobh airson am ball a ghlacadh air a chaman mus ruigeadh e an talamh. Nuair a bhiodh e air an rathad chun an Eilein, pàirc na h-iomain ann am Bail’ Ùr an t-Slèibh, a rèir aithris, bhiodh e a’ ruith airson leth-mhìle a’ bualadh a’ bhuill san adhar le caman, gun a bhith ga leigeil gu talamh.

            Bha sgioba a’ Bhail’ Ùir soirbheachail nuair a bha Iain Catanach na bhall dhaibh. Ann an naoi ceud deug ʼs a naoi (1909), chluich iad an Fhùirneis ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd ann an Glaschu. Bhuannaich Bail’ Ùr an t-Slèibh aon tadhal deug gu trì. Agus chuir Iain Catanach ochd tadhail! ʼS e sàr-chluicheadair dha-rìribh a bh’ ann. Tha cuid dhen bheachd gun seas sin gu sìorraidh mar an uiread as motha de thadhail a chuir aon chluicheadair ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd.

            Gu mì mì-fhortanach, chaill Iain Catanach a bheatha anns a’ Chiad Chogadh. Bha e ann an Corps Meidigeach Rìoghail an Airm agus chaidh a leòn anns na Dardanelles ann an naoi ceud deug is còig-deug (1915). Cha d’ fhuair e seachad air sin, agus chaochail e.

            Chaidh ainmeachadh ann an Talla nàiseanta an Sàr-luchd-spòrs – an aon chluicheadair iomain a fhuair an inbhe sin. Bidh òraid agus duais ainmichte air a shon air an toirt le Oilthigh Dhùn Èideann gach bliadhna. Tha e ceart agus iomchaidh gu bheilear ga chuimhneachadh fhathast.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Iain/Seonaidh Catanach: John/Johnny Cattanach; marsanta: merchant; Ceann a’ Ghiùthsaich: Kingussie; ·¡Ã²±ô²¹²õ-±ô±ð¾±²µ³ó±ð¾±²õ: Medicine.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: ma tha ùidh agaibh ann an iomain no camanachd: if you are interested in shinty; gum b’ e an cluicheadair a b’ fheàrr riamh a thog caman: that he was the best player who ever picked up a caman; co-dhiù bho Linn Oisein: certainly since the time of Ossian; airson aire dhaoine a thoirt do: to draw peopleʼs attention to; cha chuir e iongnadh oirbh gun do bhuineadh Iain do Bhàideanach: it won’t surprise you that John belonged to Badenoch; ʼs ann a’ cluich do Bhail’ Ùr an t-Slèibh a dh’fhàs e ainmeil: it was playing for Newtonmore he became famous; bha e na lùth-chleasaiche air leth: he was an excellent athlete; bhuannaich e an leum-fhada ann am farpaisean Oilthigh Dhùn Èideann: he won the long jump in Edinburgh Universityʼ championships; ʼs ann mar sin as motha a tha e air a chuimhneachadh: thatʼs how he is best remembered; a’ ruith timcheall craobh airson am ball a ghlacadh air a chaman mus ruigeadh e an talamh: running around a tree to catch the ball on his caman before it reached the ground; chluich iad an Fhùirneis ann an Cuairt Dheireannach Chupa na Camanachd: they played Furnace in the Camanachd Cup Final; aon tadhal deug gu trì: eleven goals to three; gun seas sin gu sìorraidh mar an uiread as motha de thadhail a chuir aon chluicheadair: that that will stand forever as the most goals that one player scored; Corps Meidigeach Rìoghail an Airm: The Royal Army Medical Corps; chaidh a leòn: he was wounded; chaidh ainmeachadh ann an Talla nàiseanta an Sàr-luchd-spòrs: he was inducted into the Scottish Sporting Hall of Fame; an aon chluicheadair iomain a fhuair an inbhe sin: the only shinty player to be accorded that accolade.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Tha mi gu mòr an comain a’ chraoladair is òraidiche: ±õ’m much obliged to the broadcaster and lecturer. We might also say fada an comain. If you are using a pronoun, it works like this. Tha mi gu mòr nad chomain ‘±õ’m much obliged to you’; tha mi na chomain ‘±õ’m obliged to him’; tha e gu mòr na comain ‘heʼ is much obliged to her’; tha sinn nan comain ‘we’re obliged to them’.Ìý

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha chuir e iongnadh oirbh: it will not surprise you.

Broadcasts

  • Sun 16 Apr 2017 22:30
  • Wed 19 Apr 2017 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast