Main content
Sorry, this episode is not currently available

D貌mhnall A MacIllEathain, miseanaraidh a bh' aig Eaglais na h-Alba 1997

Seirbheis c貌mhla ri D貌mhnall A MacIllEathain (nach maireann) miseanaraidh a bh' aig Eaglais na h-Alba (1997). Archive service conducted by the late Donald A MacLean, missionary.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 98: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e E貌in D貌mhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 67: 6-7 air fonn Stornoway agus 's e Alasdair MacLe貌id a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Stafainn
Salm 68:7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Portrigh.
Leughadh - Mata 14: 14-21
Ceann-teagaisg - Mata 14: 16

Rugadh D貌mhnall Angaidh MacIllEathain ann an Cliasamol ann an Ceann a Tuath na Hearadh ann an 1922. Bhuineadh an teaghlach don Sgarp agus cha do chaill e an d脿imh a bh' aige do dh'eilean beag 脿raich.

Ged nach robh anns an Sgarp ach eilean beag, rugadh grunn math dhaoine air an eilean a rinn seirbheis don eaglais mar mhinistearan agus mar mhiseanaraidhean ann an Alba agus thall thairis. Bha D貌mhnall Angaidh suidhichte mar mhiseanaraidh aig Eaglais na h-Alba, ann an Loch Croistein ann an Le貌dhas, ann am Barraigh, ann an C脿irinis an Uibhist a Tuath, ann am M脿raig, ann an Cul nan Cnoc anns an Eilean Sgitheanach, agus mu dheireadh ann an 脌ird a' Bh脿sair. A bharrachd air a sin bhiodh e a' cuideachadh ann an sg矛rean eile.

Bha D貌mhnall Angaidh p貌sta aig Nina agus bha c貌ignear de theaghlach aige - tri霉ir nighean agus dithis ghillean agus bha ceathrar oghaichean aige.

Thug e seachad a' chiad searmon ann an Cille Mhoire agus am Paibeil ann an Uibhist a Tuath ann an 1947, agus shearmonaich e airson an turas mu dheireadh anns an Ath Leathann, an oidhche mun do chaochail e, Did貌mhnaich an treas latha den Ghiblean 2005.

An d猫idh dha a dhreuchd a leigeil dheth bha D貌mhnall Angaidh a' fuireach ann an Sl猫ite. Bha G脿idhlig shi霉bhlach bheartach muinntir na Sgarp aige agus bha e mion-e貌lach air beul-aithris. Bha cuimhne mh矛orbhaileach aige agus chumadh e cuimhne, cha mh貌r facal air an fhacal, air searmoin a chuala e. Bha e sgileil mar iasgair agus mar shealgair.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 4 Jun 2017 21:00
  • Sun 30 Jan 2022 21:00