Main content

Tha Ruairidh MacIllEathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo àireamh 942.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 9 Aug 2017 23:00

Clip

Litir 942: Mar a Thàinig an Guirmean a dh’Alba (1)

Am faca sibh riamh am film ‘Braveheart’? Tha fhios a’m ... cha robh Uilleam Uallas riamh a’ fuireach ann an Gleann Nibheis nam beann. Agus cha robh e a’ coimhead coltach ri Liam Neeson nas motha. Dè? O, gabhaibh mo leisgeul – sin film eile nach robh a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba gu fìrinneach! Aidh, ʼs e Mel Gibson a bh’ ann am Braveheart! O, uill!

            An do mhothaich sibh uiread de stuth gorm a bh’ air aodann Ghibson sa film? Chan eil fhios agam dè an stuth a bhios luchd-maise nam filmichean a’ cleachdadh, ach anns an t-seann aimsir, ʼs e guirmean a bh’ ann. Woad ann am Beurla.

            A bheil sibh eòlach air an lus? ʼS e Isatis tinctoria a chanas luchd-saidheans ris. Guirmean no glas-lus ann an Gàidhlig. Chan eil e dùthchasach do dh’Alba. Buinidh e do dhùthchannan timcheall na Mara Meadhan-tìrich. Tha e anns an aon teaghlach ri càl agus an lus-ola. Coltach ris an lus-ola, thig flùraichean brèagha buidhe air anns a’ Chèitean. Tha fàileadh cùbhraidh air na flùraichean agus tha seilleanan gu math measail orra.

            ʼS e lus dà-bhliadhnach a th’ anns a’ ghuirmean. An toiseach tha e coltach ri bloinigean-gàrraidh, no spinach. Tha e ìosal le tòrr dhuilleagan air. ʼS ann aig an ìre sin a tha na duilleagan feumail airson dath guirm a chur ann an clò. Anns an dàrna bliadhna, nuair a nochdas na flùraichean, bidh e a’ fàs gu h-àrd, agus chan eil e gu feum airson dathadh.

            Tha daoine air a bhith a’ cleachdadh a’ ghuirmein airson dathadh airson mìltean bhliadhnaichean. Bha na seann Èipheitich eòlach air agus chaidh a lorg ann an clò a rinn iad còrr is ceithir mìle bliadhna air ais. Sgaoil e don Roinn Eòrpa agus cho fada tuath ri Lochlann. Bha e air a chleachdadh leis na seann Bhreatannaich agus, ʼs dòcha, na Cruithnich cuideachd. Anns na meadhan-aoisean, bha gnìomhachas mòr anns an Fhraing, stèidhichte air a’ ghuirmean. Ach thàinig lus ùr a-steach don Roinn Eòrpa – guirmean Innseanach – no indigo. Thàinig e às na h-Innseachan. Agus bha sin ʼs dòcha na b’ fheàrr airson clò a dhathadh gorm.

            O chionn ghoirid, thàinig mi tarsainn air seann sgeulachd Ghàidhlig mu dheidhinn mar a thàinig an guirmean a dh’Alba an toiseach. Faodaidh sibhse co-dhùnadh a dhèanamh co-dhiù gur e an guirmean no an guirmean Innseanach a th’ anns a’ chunntas. Agus, co-dhiù tha i fìor gus nach eil, chan urrainn dhomh a ràdh.

            Bha dìlleachdan beag ann am Barraigh. A h-uile latha bhiodh e a’ dol sìos chun a’ chladaich. Latha de na làithean, chunnaic e bàta mòr le siùil a’ tighinn a-staigh. Bha i ann beagan làithean agus an uair sin bha i a’ dèanamh deiseil gus falbh. ‘O,’ thuirt an gille ris fhèin, ‘Is math an teansa dhomh fhìn falbh air a’ bhàta a tha seo.’ Chaidh e air bòrd agus chaidh e am falach. Thug e leis beagan bìdh.

            Thog am bàta a h-acraichean agus chuir i suas na siùil. Sheòl i air falbh. Nuair a fhuair an criutha a-mach gun robh an gille air bòrd, chaidh iad chun an sgiobair. Aig an àm sin, duine sam bith a bh’ air bòrd bàta gun chead, bha e air a chur thar a’ chliathaich. B’ e sin an lagh. Ach innsidh mi dhuibh dè thachair don ghille an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: guirmean, glas-lus: woad; anns a’ Chèitean: in May; »åà-²ú³ó±ô¾±²¹»å³ó²Ô²¹³¦³ó: biennial; ²ú±ô´Ç¾±²Ô¾±²µ±ð²¹²Ô-²µÃ °ù°ù²¹¾±»å³ó: spinach; Cruithnich: Picts; guirmean Innseanach: indigo; »åì±ô±ô±ð²¹³¦³ó»å²¹²Ô: orphan; Barraigh: Barra.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Gleann Nibheis nam beann: Glen Nevis of the mountains; gabhaibh mo leisgeul: excuse me; a’ riochdachadh eachdraidh na h-Alba: representing the history of Scotland; uiread de stuth gorm a bh’ air aodann Ghibson: the amount of blue stuff that was on Gibson’s face; luchd-maise nam filmichean: film beauticians; buinidh e do dhùthchannan timcheall na Mara Meadhan-tìrich: it belongs to countries around the Mediterranean Sea; an aon teaghlach ri càl agus an lus-ola: the same family as cabbage and rape; tha fàileadh cùbhraidh air na flùraichean: the flowers have a pleasant fragrance; tha na duilleagan feumail airson dath guirm a chur ann an clò: the leaves are useful for dyeing cloth blue; bha na seann Èipheitich eòlach air: the Ancient Egyptians were familiar with it; sgaoil e don Roinn Eòrpa agus cho fada tuath ri Lochlann: it spread to Europe and as far north as Scandinavia; às na h-Innseachan: from India; thàinig mi tarsainn air seann sgeulachd Ghàidhlig: I came across an old Gaelic story; latha de na làithean: one day; bha i ann beagan làithean: she was there for a few days; chaidh e am falach: he hid; thug e leis beagan bìdh: he took a little food with him; thog am bàta a h-acraichean: the boat lifted her anchors; chuir i suas na siùil: she raised the sails; sheòl i air falbh: she sailed away; duine sam bith a bh’ air bòrd bàta gun chead: any person that was on board a boat without permission; bha e air a chur thar a’ chliathaich: he was put over the side; b’ e sin an lagh: that was the law.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: sìos chun a’ chladaich: down to the shore. Chun takes the genitive case so that is why it is a’ chladaich rather than an cladach or a’ chladach. Here are other examples – tha mi a’ falbh chun a’ bhaile; togaidh mi mo shùilean chun nam beann; ma thig tsunami, teich chun na dùthcha.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Is math an teansa dhomh fhìn: I’ve got a good chance.

Broadcasts

  • Sun 6 Aug 2017 22:30
  • Wed 9 Aug 2017 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast