03/09/2017
Tha Ruairidh MacIllEathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Seo litir à ireamh 946.
Last on
Corresponding Litir
Litir 946
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 946
Duration: 05:00
Litir 946: Cladh Cille Choirill (2)
Bha mi a’ bruidhinn mu Chladh Cille Choirill ann am Brà igh Loch Abar. Tha e ainmichte airson seann naomh Èireannach, Naomh Coireall – no Saint Cyril mar a tha cuid a’ gabhail air ann am Beurla. Cha chreid mi, ge-tà , gu bheil ainm Beurla air a’ chladh. Cleachdaidh daoine dìreach an t-ainm Gà idhlig.
           Tha dithis bhà rd ainmeil air an tiodhlacadh ann – Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n agus Iain Lom. Tha mi airson innse dhuibh mu Iain Lom an t-seachdain seo. B’ e fear de na bà ird Ghà idhlig a b’ ainmeile a bh’ ann anns an t-seachdamh linn deug. Rugadh e timcheall air sia ceud deug, fichead ʼs a ceithir (1624) agus chaochail e ann an seachd ceud deug ʼs a deich (1710) no mar sin. ʼS e bà rd a bh’ ann aig Dòmhnallaich na Ceapaich agus, mar sin, ʼs e ‘Bà rd na Ceapaich’ a th’ air cuideachd.
           Chan eil fios le cinnt cà ite a bheil uaigh Iain Luim ach chaidh carragh-cuimhne mòr a chur suas dha anns an naoidheamh linn deug. Tha e à rd is drùidhteach, faisg air doras na h-Eaglais bhig Chaitligich a tha sa chladh. Agus chan eil e suidhichte mar tha na clachan-uaighe eile. A rèir beul-aithris, bha Iain ag iarraidh gum biodh e na laighe le aghaidh a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair – anns na beanntan gu deas. Bha e cianail fhèin measail air an à ite sin – mar a tha mòran de luchd-coiseachd is luchd-sreap an-diugh. Agus ʼs ann mar sin a tha a’ chlach fhèin, agus a h-aghaidh a’ coimhead a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair.
Lorg mi dealbh iongantach dhen chloich a chaidh a thogail trà th anns an fhicheadamh linn le Mary Ethel Muir Donaldson – MEM Donaldson – a bha ainmeil mar neach-camara is sgrìobhadair. Air cùl na cloiche tha coille nach eil ann an-diugh, agus tha an eaglais ann an droch staid, gun mhullach oirre. Chaidh a leasachadh anns na tritheadan – agus thà inig gu leòr dhen airgead airson a’ phròiseict às Alba Nuadh far a bheil mòran de shliochd muinntir Brà igh Loch Abar a’ fuireach an-diugh. Tha ceanglaichean là idir ann fhathast eadar Brà igh Loch Abar agus Alba Nuadh.
           Thug mi sùil air a’ chloich agus lorg mi sgrìobhadh aig a bonn. Mus inns mi dhuibh dè tha sgrìobhte oirre, feumaidh mi dà ainm-à ite a thoirt dhuibh às na seann mhapaichean. Tha an t-à ite car beannaichte, a rèir choltais. An cnoc air a bheil an cladh – ʼs e sin Tom an Aingil a rèir a’ mhapa. Ri a thaobh tha Druim Dòmhnaich. Cha chan mi guth air a’ chnoc gu tuath air a’ chladh, air a bheil Tom a’ Chrochaire!
Feumaidh gun robh beachd ann nach e Tom an Aingil an t-ainm ceart air a’ chnoc ud, ach Dùn Aingeal. Air a’ charragh-chuimhne tha seo sgrìobhte: An so ʼn Dùn Aingeal am Brà igh Lochabair, tha Bà rd na Ceapaich gu trom na chadal. ʼS e Iain Lom MacDhòmhnaill b’ ainm da. Iain Lom ach theireadh cuid Iain Manntach. A bheil sibh eòlach air an fhacal ‘manntach’? Stammering. Iain Manntach – stammering John.
Agus carson as e ‘Lom’ a bh’ air Iain mar far-ainm? A rèir beul-aithris, ʼs e nach b’ urrainn dha feusag fhà s. Ach tha faclair Dwelly a’ toirt seo dhuinn mar chiall – ‘cutting, satirical’ – Iain Lom ‘cutting John’. Bha e sin, le cinnt – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Dòmhnallaich na Ceapaich: The MacDonalds of Keppoch (at Roybridge); »å°ùù¾±»å³ó³Ù±ð²¹³¦³ó: impressive; neach-camara: photographer; Brà igh Loch Abar: The Braes of Lochaber; ceanglaichean: links; beannaichte: blessed; Tom an Aingil: the hill of the angel.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Cha chreid mi, ge-tà , gu bheil ainm Beurla air a’ chladh: I don’t believe, however, that the graveyard has an English name; fear de na bà ird Ghà idhlig a b’ ainmeile a bh’ ann anns an t-seachdamh linn deug: one of the most famous Gaelic bards in the seventeenth century; chaidh carragh-cuimhne mòr a chur suas dha: a large memorial stone was raised for him; doras na h-Eaglais bhig Chaitligich: the door of the wee Catholic church; gum biodh e na laighe le aghaidh a dh’ionnsaigh a’ Choire Odhair: that he would lie with his face towards Corrour; bha e cianail fhèin measail air an à ite sin: he was really keen on that place; cha chan mi guth air a’ chnoc gu tuath air a’ chladh, air a bheil Tom a’ Chrochaire: I’ll say nothing about the hill north of the graveyard, which is called ‘hangman’s hill’; gu trom na chadal: deeply asleep; ʼs e X b’ ainm da: his name is X; theireadh cuid Iain Manntach: some would say Stammering John; carson as e ‘Lom’ a bh’ air Iain mar far-ainm?: why did John have the nickname‘Lom’ [‘bare’]?; ʼs e nach b’ urrainn dha feusag fhà s: it’s because he couldn’t grow a beard.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: uaigh Iain Luim: the grave of Iain Lom. Do you notice that an adjective qualifying a personal name [particularly masculine names] undergoes inflection eg for the genitive case as it would do for an inflected noun where the article is present. Lom therefore is slenderised to Luim (Iain is already slender). Here are some other examples: taigh Sheumais Bhig ‘wee Jimmy’s house’; leabhar Dhonnchaidh Mhòir ‘big Duncan’s book’; Pìobaireachd Dhòmhnaill Dhuibh ‘Black Donald’s Piping’;Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: mòran de shliochd muinntir Brà igh Loch Abar: many of the descendants of the people of the Braes of Lochaber.
Broadcasts
- Sun 3 Sep 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 Sep 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.