Main content
Sorry, this episode is not currently available

Aileag feasgar Dihaoine

Cur-seachadan, làithean saora, Oidhche Shamhna am measg na th'aig Lisa an t-seachdain 'sa. Hobbies, holidays and Halloween all in the mix with Lisa. bbc.co.uk/aileag.

Tha sgioba Aileag a' deisealachadh airson oidhche Shamhna air prògram na seachdain 'sa.

Agus mar a bheil bruis agaibh airson sgèith bho àite gu àite, èist ri naidheachd Choinnich an
t-seachdain seo airson dìogh siubhail eile.

Tha Mark ag innse mar a tha bhith am measg nan claisean bhuntàta na chur seachad dha.

Sin agus ceòl gu leòr mar as àbhaist còmhla ri Lisa. bbc.co.uk/aileag.

57 minutes

Last on

Sat 28 Oct 2017 12:00

Music Played

  • Nick Jonas

    Home

    • Home.
    • 001.
  • WALK THE MOON

    One Foot

    • One Foot.
    • RCA.
    • 001.

Pupaid Damhan-allaidh

Pupaid Damhan-allaidh
Na dh’fheumas sibh:

Truinnsear pàipear

Peant geal agus dath dorcha sam bith

Bruisean Peantaidh

Peansail

Maide loiliopop tiugh

Sùilean googly

Siosair (faigh cuideachadh bho inbheach)

Glaodh

¶Ùò¾±²µ³ó:Ìý

Cur peant air an truinnsear phàipear. Cuideachd cuir peant geal air a’ mhaide loiliopop agus fàg e airson tiormachadh.  

Fhad ‘s a tha am peant a’ tiormachadh, geàrr cearcall dà òirleach agus ochd casan airson an damhan-allaidh, a-mach à cairt dhubh.

Glaodh na casan air cùl an damhan-allaidh. Cuir na sùilean googly air an taobh eile agus gàire air le peant geal.  

Nuair a tha am peant tioram, cleachd peant geal airson lìon an damhan-allaidh le peant no crayon geal. 

Airson seo a dheànamh cuir loidhne geal tro mheadhan an truinnsear bho mhullach gu bonn agus bho thaobh gu taobh. 

An uair sin dèan loidhne thrastanach air gach taobh dheth sin. An uair sin cur loidhnichean tonnach eadar na loidhnichean fhada – faic an dealbh air an làrach-lìn againn ma tha sibh feumach air cuideachadh.

Cleachd a’ ghlaodh airson am maide loiliopop a chur air an damhan-allaidh. 

Geàrr loidhne aig mullach an truinnsear (faigh cuideachadh bho inbheach leis an seo) 

Cur am maide loiliopop tron ghearradh agus an uair sin tha am pupaid damhan-allaidh agad deiseil.  

Taibhs

Taibhs

Na dh’ fheumas sibh: 

Dèan fhèin dealbh de thaibhs no clò-bhuail ìomhaigh taibhs air pàipear 

Maide loiliopop

Peant dubh

Sùilean googly

Siosar

Teip steigeach 

¶Ùò¾±²µ³ó:Ìý

Clò-bhuail dealbh de thaibhs no dèan dealbh taibhs air pàipear agus geàrr a-mach e.

Cleachd am peant dubh airson dath a chur air a’ mhaide loiliopop agus fàg e gus an tiormaich e.

Paisg an taibhs sa mheadhan agus dèan dà ghearradh air mu letheach slighe sìos agus fosgail a-mach e.

Ma tha am maide lollipop tioram, cur tro na gearraidhean a rinn thu e, agus cleachd teip airson am maide lollipop a chumail air cùl an taibhs. 

Cuir na sùilean googly air aodann an taibhs no faodaidh tu sùilean a dhealbh ma thogras tu.  

Bana-bhuidseach

Bana-bhuidseach
Na dh’ fheumas sibh:

Truinnsear pàipear

Peant dubh, glas agus buidhe

Bruisean Peantaidh

Cupa airson dealbhachadh timcheall

Peansail

Maide loiliopop thiugh

Maide loiliopop

Sùil googly

Snàth orainds agus donn

Siosair (le cuideachadh bho inbheach)

Peann Dubh

Glaodh

¶Ùò¾±²µ³ó:

Dèan cearcall a’ cleachdadh a’ chupa mar stiùireadh far a bheil thu ag iarraidh a’ ghealach slàn a bhith. 

Cleachd peant de dhath buidhe airson a’ ghealach. An uair sin, cleachd am peanta glas airson an còrr dhen truinnsear a’ còmhdachadh. 

Nise, peant am maide loiliopop mòr le dath glas agus fàg iad airson tiormachadh.  

Airson a’ bhana-bhuidseach a’ dhèanamh, geàrr cearcall beag mu 1.5 òirleach agus triantan beag airson an t-sròn a-mach à cairt uaine. 

Geàrr ad agus triantan nas motha airson an dreasa. 

Cleachd a’ ghlaodh airson falt orainds a’ chur air a ceann. Glaodh an ad air mullach sin agus an dreasa gu bonn a cinn. Cuir sùil googly oirre agus cleachd am peann dubh airson gàire a dhealbh.  

Airson an sguab aice. Geàrr pìosan beagan snàth donn agus ceangal nan snaim còmhla. Cleachd a’ ghlaodh airson a chur air bonn a’ mhaide loiliopop.

Cleachd a’ ghlaodh gus a bhana-bhuidheach a chuir air an sguab agus an uair sin air a’ mhaide ghlas. 

Geàrr loidhne aig bonn an truinnsear phàipear (iarr cuideachadh bho inbheach ma tha sibh a’ cleachdadh siosar.) 

Nise, cur am maide mòr glas tron ghearradh agus faodaidh a’ bhana-bhuidseach sgèith tron adhar.  

Broadcasts

  • Fri 27 Oct 2017 14:00
  • Sat 28 Oct 2017 12:00