An t-Urr M脿iri Byers bho Eaglais na h-Alba 2004
Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr M脿iri Byers (nach maireann) Eaglais na h-Alba 2004.
Archive service with the late Rev Mairi Byers, Church of Scotland, from 2004.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is na leughaidhean a leanas:
'O Thugaibh Moladh M貌r do Dhia' le Cliar.
C貌isir Eaglais Naomh Barr a' seinn 'Seo an Gaol mar Meud na Mara'.
Donaidh M MacLe貌id a' seinn 'Ceud Domhainn Gr脿dh an Athar Dhomh'.
Leughaidhean: Salm 103 : 1-13 & L霉c 15: 1-3 & 11-24
Ceann-teagaisg: L霉c 15:20
"Th脿inig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 'sbha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fh猫in na ministear"
Chuala sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an t-Urramach M脿iri Byers air an treas la den mh矛os seo aig aois ceithir fichead sa c貌ig.
Rugadh M脿iri Byers neo M脿iri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean M脿iri, neo Calum Raghnaill 脿 Cn貌c an Torrain agus M脿iri NicRuairidh 脿 Staidhligearraidh.
Bha athair M脿iri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha M貌r an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a M脿iri.
Chuir M脿iri 貌g seachad bliadhnaichean a h-貌ige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha M貌r agus 脌rd-sgoil Cheann a' Bh脿igh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' f脿s suas ann an Uibhist a Deas .
Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air t矛r-m貌r na d霉thcha. Chaidh i a dh'脌rd-sgoil Phort R矛gh airson bliadhna agus an d猫idh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha M脿iri a-nis a' frithealadh 脌rd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air t矛r-m貌r a' c貌rdadh rithe cuideachd.
Bha M脿iri riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Nuair a dh'fh脿g i an sgoil 's e sin am beachd a bh'aice ach dh'atharraich gnothaichean rud beag, oir choinnich i ris an duine aice agus, gu h-annasach, bha e fh猫in cuideachd airson a bhith na mhiseanaraidh.
Chaidh M脿iri san duine aice Ailean (an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Thill iad air ais a dh'Alba anns na seachdadan agus thill M脿iri air ais gu foghlam agus i a-nis ag ionnsachadh a bhith na neach-teagaisg. Ach cha do stad i aig a sin - cha robh obair teagasg ag obrachadh a-mach dhi, agus mu dheireadh chaidh i a-staigh airson na ministrealachd .
B' e Di霉ra a' chiad choitheanal a bh' aice agus chan e a-mh脿in gu robh e annasach a bhith faicinn boireannach a' searmonachadh, bha boireannach a' searmonachadh sa Gh脿idhlig na annas buileach.
Last on
An t-Urr M脿iri Byers
Broadcasts
- Sun 19 Nov 2017 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 18 Nov 2018 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal
- Sun 24 Nov 2024 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal