26/11/2017
Tha Ruairidh MacIllEathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain 'sa. Seo Litir à ireamh 958.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 654
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 958
Duration: 05:00
Litir 958: Litreachas nan Gà idheal agus an Tìr
Rinn mi iomradh an t-seachdain sa chaidh air leabhar ùr le Iain Moireach – ‘Literature of the Gaelic Landscape’. Bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann, agus sgrìobh e leabhar eile a tha uabhasach fiosrachail – ‘Reading the Gaelic Landscape’. Tha an dà leabhar air am foillseachadh le Whittles ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, agus tha sin fhèin brìgheil ann an co-theacsa litreachas muinntir na Gà idhealtachd, mar a chì sinn.
           ʼS e cuspair mòr a th’ ann an litreachas co-cheangailte ri aghaidh na tìre. Ach tha an t-ùghdar air cuimseachadh air na h-earrannan as cudromaiche – dualchas na Fèinne, Òran na Comhachaig aig Dòmhnall mac Fhionnla’ nan Dà n, grunn òran aig Donnchadh Bà n Mac an t-Saoir agus a’ bhà rdachd aig Somhairle MacGill-Eain, gu h-à raidh Hallaig agus An Cuilithionn.
           ʼS e an rud a tha fìor mhath gu bheil an t-ùghdar a’ taisbeanadh nan à iteachan a th’ air an ainmeachadh anns an litreachas. Tha dealbhan ann de mhòran dhiubh, agus mapaichean, agus tha nà dar de sgeama aige airson cuid de na dà in ris an can an t-ùghdar ‘songlines’. Car coltach ris na ±ô´Ç¾±»å³ó²Ô¾±³¦³ó±ð²¹²Ô-ò°ù²¹¾±²Ô aig tùsanaich Astrà ilia.
           Mar eisimpleir, seo na h-à iteachan air loidhne-òrain Moladh Beinn Dòbhrain aig Donnchadh Bà n: Coire Daingean, Coire Raineach, Am Bealach, Coire Rèidh, Cònnlon, Lurgainn na Laoidhre, Là rach na Fèinne, Creag Sheileach, Meall Tionail agus Allt na h-Annaid. Tha mapa ann, a’ sealltainn mar a tha na h-à iteachan sin a’ comharrachadh gluasad nam fiadh thar na dùthcha. A bharrachd air sin, tha clà r ann, a’ taisbeanadh a h-uile h-ainm-à ite anns an dà n, a’ mìneachadh mar a tha iad cudromach agus a’ sealltainn gu mionaideach (le comharraidhean-clèithe) far a bheil iad.
           Tha an leabhar là n fiosrachadh prìseil mar sin. Tha e a’ toirt litreachas, dualchas, cà nan is eòlas-tìre còmhla ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile. Ma tha na sgrìobhaidhean aig Seton Gordon a’ còrdadh ribh, còrdaidh an leabhar seo ribh. Ach tha Iain Moireach air a dhol mòran na bu doimhne a-steach don chuspair na chaidh an Gòrdanach no ùghdar sam bith eile as aithne dhomh. Aig a’ char as lugha, bu chòir don a h-uile duine ann an Alba a bhios an sàs ann an cruinn-eòlas no ann a bhith a’ stiùireadh luchd-coiseachd is luchd-sreap, a bhith a’ gabhail a-steach teachdaireachd an leabhair seo mun chà irdeas eadar na Gà idheil agus an dùthaich.
           Chunnaic mi loidhne-òrain Albannach aon turas roimhe seo. Tha i anns an taigh-tasgaidh ann an Dùn Beithe ann an Gallaibh, ann an taisbeanadh mun leabhar Highland River le Niall Gunnach, a bhuineadh don bhaile sin. Tha dealbh dhen abhainn air an ùrlar, le gach à ite oirre a th’ anns an stòiridh. Bhon mhà thair-uisge chun na mara. Agus ʼs e an Gunnach an t-ùghdar eile a tha fon phrosbaig anns an leabhar. Ged a sgrìobh e ann am Beurla, tha am Moireach a’ dèanamh dheth gun robh an Gunnach a’ toirt sùil a’ Ghà idheil air a’ Ghà idhealtachd, gu h-à raidh a thaobh à ite.
           Nuair a tha sinn eòlach air Highland River, tha Iain Moireach a’ cumail a-mach, chan fhaic sinn tuilleadh mà thair-uisge na h-aibhne – Loch Brà igh na h-Aibhne – anns an aon dòigh. Tha sin fìor. Tha a leithid fìor mun leabhar aige fhèin. ʼS iomadh duine a leughas ‘Literature of the Gaelic Landscape’ a chì a’ Ghà idhealtachd le sùilean ùra.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: tùsanaich Astrà ilia: Australian Aborigines; Niall Gunnach: Neil Gunn; fon phrosbaig: under examination.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Rinn mi iomradh air: I made mention of; bha Iain uaireigin na Stiùiriche de dh’Ailtireachd Tìre ann an Oilthigh Dhùn Èideann: John was at one time Director of Landscape Architecture at the University of Edinburgh; Dùn Beithe ann an Gallaibh: Dunbeath in Caithness; brìgheil ann an co-theacsa litreachas muinntir na Gà idhealtachd: meaningful in the context of the literature of the people of the Highlands; mar a chì sinn: as we shall see; co-cheangailte ri aghaidh na tìre: connected to the landscape; tha an t-ùghdar air cuimseachadh air na h-earrannan as cudromaiche: the author has concentrated on the most important elements; a’ taisbeanadh nan à iteachan a th’ air an ainmeachadh: presents the places that are named; tha nà dar de sgeama aige airson cuid de na dà in: he has a sort of scheme for some of the poems; mar a tha na h-à iteachan sin a’ comharrachadh gluasad nam fiadh thar na dùthcha: how those places mark the movement of deer across the land; a’ sealltainn gu mionaideach (le comharraidhean-clèithe) far a bheil iad: showing exactly where they are (with grid references); ann an dòigh nach fhaca mi ann an leabhar sam bith eile: in a way I haven’t seen in any other book; mòran na bu doimhne a-steach don chuspair: more deeply into the subject; ùghdar sam bith eile as aithne dhomh: any other author I know; a bhuineadh don bhaile sin: who belonged to that village; bhon mhà thair-uisge chun na mara: from the [water] source to the sea; tha a leithid fìor mu X: the same is true of X; le sùilean ùra: with new eyes.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: For anyone with an interest in the Gaelic heritage of Scotland and the landscape of the Highlands, I would thoroughly recommend ‘Literature of the Gaelic Landscape’ by John Murray (Whittles Publishing, Caithness, 2017). Murray deals with a subject which is rich, rewarding and inspirational in an analytical way, but not coldly. He asks the reader to engage closely and intimately with Gaelic literature and the Highland landscape in order to understand how our ancestors saw and understood their land – with translations of text into English to help non Gaelic-readers along. It’s a fine blend of art and science, and a ‘must’ for the Christmas stocking!
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Aig a’ char as lugha: at the very least.
Broadcasts
- Sun 26 Nov 2017 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Nov 2017 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.