Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 183

Call m貌r aig muir le grunn shoithichean dhan cuir fodha an t-seachdain sa. Heavy losses reported this week in the Mediterranean Sea.

Air 20mh den mh矛os chaidh ionnsaigh a thoirt air d脿 bh脿ta-cogaidh Breatannach aig Eilean Imbros, far cladach na Tuirc. B' iad na b脿taichean an HMS Raglan agus an M28. Cha robh iad ach beag agus bha na b脿taichean-cogaidh a bu ch貌ir a bhith gan d矛on, an Agamemnon is an Lord Nelson, air falbh aig an 脿m. Chaidh an d脿 bh脿ta Breatannach a chur fodha agus chaidh na bha bh' air b貌rd - c貌rr is ceud gu leth duine - a bh脿thadh.

Air an aon latha chaidh b脿ta Breatannach eile, an HMS Louvain, a chur fodha leis a' bh脿t-aigeil, an UC-22, anns a' Mhuir Ghreugach. A-r猫ir a' chunntais a dh'fh脿g am b脿t-aigeil, bha oidhche shoilleir, chi霉in ann nuair a chunnaic iad b脿ta-sm霉ide air f脿ire. Bha i se貌ladh ann an loidhne dh矛reach is chuir iad deich m猫innean dhan mhuir air thoiseach oirre. An uair sin loisg iad oirre le torp矛odo bho shia ceud meatair, ga bualadh san deireadh, agus th貌isich i dol fodha.

Chaidh c霉irt-cogaidh a chumail ann am Portsmouth tr矛 m矛osan 脿s d猫idh seo mu chur-fodha an Louvain.

Agus air 23mh den mh矛os , chaidh am b脿ta-carago Breatannach, an SS Birkhall, a bhualadh le torp矛odo o bh脿t-aigeil mu cheithir m矛le an ear-dheas air Ceap Doro sa Ghr猫ig is i air a slighe eadar Salonika is Alexandria. B' ann 脿 Tiriodh a bha an caiptean agus cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDh貌mhnaill mar a thachair.

10 minutes

Last on

Fri 26 Jan 2018 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 25 Jan 2018 21:00
  • Fri 26 Jan 2018 11:50