Hamish Mac an T脿illeir bho 2000 - 1/2
1/2 Hamish Mac an T脿illeir, leughadair aig Eaglais na h-Alba sna Hearadh ann an 2000. Archive service with Hamish Taylor, lay preacher Church of Scotland, Harris in 2000.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e D貌mhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Salm 18: 28-29 air fonn St David agus 's e D貌mhnall Iain MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 17: 5-6 air fonn Kilmarnock agus 's e Uilleam Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Isaiah 60: 1-7
Ceann-teagaisg: Isaiah 60: 1
Rugadh Hamish Mac an T脿illeir ann an Fle貌ideabhagh sna Hearadh. Bha a mh脿thair 脿s an sg矛re sin agus 's ann 脿 Canada a bha athair ged a thogadh e anns na Hearadh. Chaidh Hamish oideachadh ann an Sgoil Mh脿nais agus ann an 脌rd-Sgoil an Tairbeirt. 脌s d猫idh an sgoil fh脿gail bha e a' s脿s ann an obair an iasgaich airson beagan bhliadhnaichean gus an do thill e gu foghlam aig 脿rd-矛re agus a thug e a-mach dreuchd Oifigear Radio c貌mhla ris a' Chabhlach Mharsanta. Chuir e seachad bliadhnaichean anns an dreuchd sin gus an do ph貌s e. Ghluais e an uairsin gu obair 霉r, gu dreuchd innleadair dealain aig st猫isean an Decca c貌mhla ri buidheann a bha a' toirt seirbheis tre貌rachaidh do bhataichean-mara agus do dh'itealain. Dh'fhuirich e anns an obair sin airson 35 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Chaith e a' mh貌r-chuid den dreuchd sin anns an h-Eileanan an Iar, ann an Nis agus ann am Barraigh agus mar sin tha min-e貌las aige air na h-Eileanan bho cheann gu ceann, ach bha obair cuideachd ga thoirt gu 脿iteachan eile air feadh na r矛oghachd agus ann an 脠irinn.
'S ann 脿 Griomasaigh an Uibhist a Tuath a tha Leacsaidh, bean Hamish agus tha dithis chloinne aca. Tha Seumas, am mac, na cheannard air obair innleadaireachd ann an Abu Dhabi agus tha sin a' toirt cothrom dha Hamish agus Leacsaidh a bhith a' siubhail a sin air saor-l脿ithean. Tha an nighean aca, Fionnghal, a' fuireach nas fhaisg air an dachaigh anns an 脪b, sna Hearadh. Tha ceathrar oghaichean aig Hamish agus Leacsaidh, dithis nighean an duine aig Seumas agus aig Fionnghal agus aon iar-ogha.
Tha Hamish an diugh na 猫ildear ann an Eaglais Shaor na Hearadh agus bha e roimhe sin na 猫ildear ann an Eaglais na h-Alba airson c貌rr air deich thar fhichead bliadhna agus anns an 霉ine sin chaidh a choisrigeadh mar Leughadair agus bha e air a chleachdadh gu tric mar shearmonaiche na choitheanal fh猫in agus air feadh nan eilean.
Nuair nach bi e an s脿s ann an gnothaichean eaglais agus a gheibh e 霉ine dha fh猫in, bidh Hamish a' cur seachad t貌rr 霉ine aig muir. Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha e air a bhith a' toirt luchd-turais timcheall nan cladaichean anns an eathar aige gach samhradh. Tha sin na mh貌r-thlachd dha oir tha e a' faighinn cothrom coinneachadh ri m貌ran theaghlaichean, a tha e fh猫in ag r脿dh "a tha a' toirt dha farsaingeachd-inntinn."
Chuir Hamish seachad m貌ran bhliadhnaichean mar bhall de Shiostam 脠isteachd na Cloinne anns na h-Eileanan agus tha e fhathast na bhall air iomadh buidheann coimhearsnachd ann an Ceann a Deas na Hearadh. Canaidh e fh猫in nach robh e riamh cho dripeil 's a tha e air a bhith bho leig e dheth a dhreuchd, ach a r猫ir choltais, tha amharas aig a charaidean nach iarradh e a bhith air a chaochladh!
Last on
Hamish Mac an T脿illeir
Broadcast
- Sun 8 Apr 2018 21:00大象传媒 Radio nan G脿idheal