22/04/2018
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 979.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 675
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 979
Duration: 05:00
Litir 979: Na Ceiltich (10)
Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh? Nuair a tha e na neach-brathaidh! Carson a tha mi ag rà dh sin? Uill, fo Reachdan Cill Chainnigh, cha robh cead aig seanchaidhean Èireannach a dhol a-steach a thìrean nan Sasannach ann an Èirinn, eagal ʼs gun robh iad ann airson brathadh a dhèanamh! An t-seachdain seo, tha mi a’ cur crìoch air an t-sreath phrògraman agam air na Ceiltich le bhith a’ toirt sùil bheag air Èirinn.
           An dèidh gun do stèidhich na Normanaich iad fhèin ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, chaidh feadhainn dhiubh a dh’Èirinn. Ghabh iad grèim air mòran sgìrean. Am measg nan teaghlaichean bha feadhainn a tha a-nise gu math Èireannach – Burke, FitzGerald, Butler, Walsh ... Cho trà th ris a’ cheathramh linn deug, bha dragh air na h-ùghdarrasan Sasannach gun robh mòran aig an robh sinnsireachd Normanach gan giùlan fhèin mar Èireannaich. Bha iad eadhon a’ trèigsinn na Beurla ʼs na Fraingis agus a’ bruidhinn Gaeilge!
           Ann an trì cheud deug, seasgad ʼs a sia (1366), ghairm Diùc Chlarence pà rlamaid Èireannach ann an Cill Chainnigh. Bha e ag obair às leth rìgh Shasainn, Eideard III. Dh’aontaich a’ phà rlamaid Reachdan Cill Chainnigh. Fo na reachdan, bha pòsadh eadar Èireannaich agus Sasannaich an aghaidh an lagh. Cha robh cead aig Sasannaich ainm-baistidh Èireannach a chleachdadh.
Bha aca ri Beurla ionnsachadh no chailleadh iad an cuid fearainn. Bhiodh na Sasannaich fo lagh Shasainn seach lagh na h-Èireann. Agus cha robh e ceadaichte idir seanchaidhean Gà idhealach a leigeil a-steach gu sgìrean Sasannach, eagal ʼs gum biodh iad ri brathadh!
Cha do dh’obraich na Reachdan. Tro thìde dh’fhàs na seann ‘Sasannaich’ na bu Ghà idhealaiche. ʼS ann nuair a thà inig Sasannaich ùra a-steach ri linn nan Tudoran, agus nuair a thug Rìgh Seumas VI luchd-tuineachaidh ùra a-steach a dh’Ulaidh, a dh’èirich an sgaradh a chithear an-diugh ann an Èirinn.
Ceithir bliadhna an dèidh do Sheumas rìgh-chathair Shasainn a ghabhail thairis, bha tachartas ann an Èirinn a bha na bhuille chruaidh do dhualchas nan Ceilteach. Roimhe sin, bha cuid dhen fhearann, gu h-à raidh anns a’ cheann a tuath, fhathast fo smachd seann teaghlaichean Gà idhealach.
Ach, ann an sia ceud deug ʼs a seachd (1607), thachair Imeachd nan Iarlan – nuair a theich an dithis thighearnan Gà idhealach a bu chumhachdaiche. Sheòl Aodh Mòr O Nèill, Iarla Thìr Eòghainn, agus Aodh Ruadh O Dòmhnaill, Iarla Thìr Chonaill, gu tìr-mòr na Roinn Eòrpa. Bha iad an dòchas tilleadh a dh’Èirinn le taic nan Spà innteach ach cha do thill.
Bha Imeachd nan Iarlan na buille chruaidh do Ghà idheil na h-Alba cuideachd. Cha bhiodh an seann chà irdeas eadar Gà idheil an dà dhùthaich a-chaoidh tuilleadh mar a bha e roimhe. Le tuineachadh Ghall, dh’atharraich Ulaidh gu tur. Taobh a-staigh beagan ghinealach, bha a’ mhòr-roinn a bu Ghà idhealaiche ann an Èirinn, a bha là imh ri Alba, air a dhol na mòr-roinn a bu Ghallta.
Tha e inntinneach a bhith a’ meòrachadh – nam biodh ceann a deas Bhreatainn air fuireach Ceilteach, dè an coltas a bhiodh air Breatainn is Èirinn an-diugh? Am biodh Èirinn na rìoghachd aonaichte, agus Gaeilge mar chainnt an t-sluaigh? Am biodh a’ Chuimrigh ann idir? Am biodh na Còrnaich a’ bruidhinn Breatannais seach a’ Bheurla Shasannach? Am biodh a’ Ghà idhlig air a h-à ite a chumail mar phrìomh chà nan na h-Alba? Ach, uill, mar a tha fios againn, chan eil ann ach bruadar!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Reachdan Cill Chainnigh: The Statutes of Kilkenny; ainm-baistidh: given [baptismal] name; Imeachd nan Iarlan: The Flight of the Earls; Iarla Thìr Eòghainn: The Earl of Tyrone.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Nuair a tha e na neach-brathaidh: when he is a spy; eagal ʼs gun robh iad ann airson brathadh a dhèanamh: for fear that they wanted to engage in spying; le bhith a’ toirt sùil bheag air Èirinn: by taking a quick look at Ireland; an dèidh gun do stèidhich na Normanaich iad fhèin: after the Normans established themselves; cho trà th ris a’ cheathramh linn deug: as early as the fourteenth century; gan giùlan fhèin mar Èireannaich: behaving like Irish; bha iad eadhon a’ trèigsinn na Beurla ʼs na Fraingis: they were even abandoning the English and French languages; bha pòsadh eadar Èireannaich agus Sasannaich an aghaidh an lagh: a marriage between Irish and English was against the law; bha aca ri Beurla ionnsachadh no chailleadh iad an cuid fearainn: they had to learn English or they would lose their land; ri linn nan Tudoran: at the time of the Tudors; nuair a thug Rìgh Seumas VI luchd-tuineachaidh ùra a-steach a dh’Ulaidh: when King James VI put new settlers into Ulster; an sgaradh a chithear an-diugh ann an Èirinn: the division which is seen today; a bha na bhuille chruaidh: which was a bad blow; fhathast fo smachd seann teaghlaichean Gà idhealach: still under the control of old Gaelic families; Iarla Thìr Chonaill: The Earl of Tyrconnell; bha iad an dòchas tilleadh a dh’Èirinn le taic nan Spà innteach ach cha do thill: they were hoping to return to Ireland with the help of the Spanish but they didn’t; le tuineachadh Ghall, dh’atharraich Ulaidh gu tur: with the plantation of non-Gaels, Ulster completely changed; air a dhol na mòr-roinn a bu Ghallta: had become the most non-Gaelic province; am biodh a’ Chuimrigh ann?: would Wales exist?; am biodh na Còrnaich a’ bruidhinn Breatannais seach a’ Bheurla Shasannach?: would the Cornish be speaking British rather than English?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Cuin nach eil seanchaidh na sheanchaidh?: when is a storyteller not a storyteller? Seanchaidh is a masculine word so in this dative construction we have to say ‘when is a storyteller not in his storyteller’. The article ‘na’ contains the third person singular masculine possessive pronoun ‘a’ and the second ‘seanchaidh’ is therefore lenited.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chan eil ann ach bruadar: it is but a dream.
Broadcasts
- Sun 22 Apr 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 25 Apr 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.