An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh, Eaglais na h-Alba, Beà rnaraigh 2003
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Dòmhnall MacAmhlaigh, Eaglais na h-Alba, Beà rnaraigh.
Gaelic archive service conducted by the late Rev Donald MacAulay, Bernera.
Air an t-seachdain seo, cluinnidh sinn seirbheis a chaidh a chraoladh sa Chèitean 2003 còmhla ris an Urr Dòmhnall MacAmhlaigh nach maireann, a bha mu dheireadh na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann am Beà rnaraigh, Leòdhais.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 102: 25-27 air fonn Martyrdom agus ‘s e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 27: 13-14 air fonn Torwood agus ‘s e Iain Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus ‘s e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.
Leughadh Isaiah 61: rannan 1-11
Ceann-teagaisg: Isaiah 61: 1.
Rugadh Maighstir MacAmhlaigh ann am Beà rnaraigh ann an Eilean Leòdhais anns a' Ghearran 1926. Bha triùir bhalach anns an teaghlach aca; e fhèin agus a dhithis bhrà ithrean Niall Iain agus Seòras. Às dèidh an sgoil fhà gail rinn iad am beò-shlà int anns an sgìre aca fhèin a’ sàs ann an obair ag iasgach ghiomach agus iad gu math pailt aig an à m sin. Bha Mgr MacAmhlaigh ag iasgach gus an deach a ghairm dhan t-Seirbheis Nà iseanta. 'S ann san RAF a rinn a Sheirbhis Nà iseanta agus bha e cuideachd sa Chabhlach Rìoghail ag obair air an Donaldson Line far an robh e a’ siubhal gu Ceann a Tuath agus Ceann a Deas Ameireaga.
Fhuair e gairm chun na ministrealachd faisg air deireadh na leth-cheudan agus cheumnaich e à Colaiste an Rìgh ann an Obair Dheathain ann an 1968. Nas anmoiche air a' bhliadhna sin chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Leumrabhagh air taobh a deas na Lochan ann an Leòdhas far an robh e na mhinistear airson fichead bliadhna. Leig e dheth a dhreuchd an uairsin agus thill e air ais gu baile à raich a Bheà rnaraigh. Bha an sgìre as aonais ministear aig an à m agus dh'aontaich e a dhol os cionn a' choitheanal airson trì bliadhna.
Phòs Mgr MacAmhlaigh agus a bhean Catriona ann an 1958 's bha sianar chloinne aca. Fhad 's a bha e na mhinistear air na Lochan ghabh e ùidh ann an obair na comhairle sgìreil agus bha e cuideachd na chomhairliche air Comhairle sgìre Rois is Chrombaidh bho 1969 gu 1974. Sheas e an uairsin airson a' chiad taghadh de chomhairlichean aig Comhairle nan Eilean Siar ann an 1974, agus chaidh a thaghadh mar a' chiad neach-gairm air a’ chomhairle a' bhliadhna sin.
Chaidh urram OBE a bhuileachadh air Mgr MacAmhlaigh ann an 1981 agus anns a' Chèitean 2004 chaidh urram Saorsa nan Eilean a bhuileachadh air fhèin agus air a dheagh charaid Mgr Calum MacIllFhialain.
Bhà saich Mgr MacAmhlaigh aig aois 79 anns an Fhaoilleach 2006.
Last on
An t-Urr Dòmhnall MacAmhlaigh
Broadcasts
- Sun 20 May 2018 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Aug 2024 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal