Litir do Luchd-ionnsachaidh.
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 986.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 682
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 986
Duration: 05:00
Litir 986: Cogadh nan Con
the dogs. O linn chogadh nan con. Tha e a’ ciallachadh o chionn fhad’ an t-saoghail. O chian nan cian. Ach dè an cogadh a bh’ ann? Cò na coin a bha a’ sabaid? Uill, chan aithne dhomh le cinnt. Ach bu mhath leam innse dhuibh mu bhatail eadar coin anns an t-seann aimsir ann an sgeulachdan na Fèinne. An e sin an ‘cogadh’?
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bha Fionn agus naoinear eile air a’ bheinn-sheilg leis na coin aca. Bha droch latha aca. Cha robh sgeul air fèidh. Cha robh fios aca carson a bha na fèidh cho gann. Chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios agus fhuair e a-mach gun tigeadh gadhar le cluas bhà n seachad. Chan fhaodadh iad ionnsaigh a thoirt air a’ chù, air neo cha bhiodh sgeul air an t-seilg airson latha agus seachd bliadhna.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a thà inig cù na cluaise bà ine seachad, chùm na fir an cuid chon fo smachd. Ach bhris Bran air falbh agus ruaig e an cù eile. Lean Bran air mar a b’ urrainn dha, ach bha cù na cluaise bà ine ro luath dha. Bha an t-eagal air Fionn gun sgà ineadh Bran a chridhe. Ruith na fir à s a dhèidh agus lorg iad Bran a bha na laighe air an fhraoch, agus e claoidhte. Cha bhiodh an t-sealg aca airson latha agus seachd bliadhna a-nise.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chaill na daoine an rathad agus aig ciaradh an fheasgair, chunnaic iad solas. Chaidh iad gu bothan agus dh’iarr iad air fear a’ bhothain gum faigheadh iad fasgadh na h-oidhche ann. ‘Gheibheadh sibh fasgadh an seo ged a bhiodh ceud duine agaibh,’ fhreagair fear a’ bhothain.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý An ceann tìde, chualas fuaim air an taobh a-muigh. Chaidh fear a’ bhothain a-mach. Cò bha an sin ach mac Rìgh Sheanaidh le ceud gille. Bha e ag iarraidh à ite-fuirich airson na h-oidhche. Agus cha robh feachd Fhinn là idir gu leòr airson an cumail a-mach. Thà inig dà rna agus treas mac Rìgh Sheanaidh ann, le ceud gille aig gach duine aca. Agus thà inig nighean Rìgh Sheanaidh cuideachd agus bha ceud maighdeann còmhla rithe. Feumaidh gun robh am bothan loma-là n!
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Fhad ʼs a bha iad uile ann còmhla, dh’iarr ciad mhac Rìgh Sheanaidh air Fionn gum biodh na coin a’ sabaid. Mar sin, bha Bran air a chur an aghaidh a’ Choin Duibh. Bha an Cù Dubh air cur à s do chaogad cù mu-thrà th.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Bhuail Fionn Bran le a là imh airson an cù a dhèanamh deiseil. Chrath Fionn a shlabhraidh òir, rinn Bran tabhann agus thog e frioghan air. Chaidh an dà chù aghaidh ri aghaidh, sròn ri sròin agus bha strì fuilteach ann eatarra. Ged a bha iad a’ gluasad gu luath, bha e furasta gu leòr do na daoine a bha gan coimhead, gach cù aithneachadh. Bha an Cù Dubh tapaidh ach le amhaich fhada. Bha e car reamhar, agus bha spòg cam air. Bha casan buidhe aig Bran, bha a dhà thaobh dubh, bha a bhrù geal agus bha druim uaine air, agus dà chluais chorrach chrò-dhearg.
Mu dheireadh, thuit an Cù Dubh marbh. Bha Bran air a bhith seòlta gu leòr airson a’ chùis a dhèanamh air a nà mhaid. Bha cogadh nan con seachad ... ach bidh sinn ga chuimhneachadh fhathast nar cainnt.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: naoinear: nine people; ciaradh an fheasgair: dusk; chualas: was heard; Rìgh Sheanaidh: The King of Senny.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: o chionn fhad’ an t-saoghail: since a very long time ago; o chian nan cian: since a very long time ago; chan aithne dhomh le cinnt: I don’t know with certainty; mu bhatail eadar coin anns an t-seann aimsir ann an sgeulachdan na Fèinne: about a battle between dogs in ancient times in the legends of the Fianna; chuir Fionn a chorrag fo a dheud-fios: Fionn put his finger under his tooth of knowledge; fhuair e a-mach gun tigeadh gadhar le cluas bhà n seachad: he found out that a mastiff with a white ear would come past; chùm na fir an cuid chon fo smachd: the men kept their dogs under control; gun sgà ineadh Bran a chridhe: that Bran would rupture his heart; na laighe air an fhraoch, agus e claoidhte: lying on the heather, exhausted; dh’iarr iad air fear a’ bhothain gum faigheadh iad fasgadh na h-oidhche ann: they asked the man of the bothy for a night’s lodging; feumaidh gun robh am bothan loma-là n: the bothy must have been bursting at the seams; an aghaidh a’ Choin Duibh: against the Black Dog; bha an Cù Dubh air cur às do chaogad cù mu-thrà th: the Black Dog had killed fifty dogs already; chrath e a shlabhraidh òir: he shook his golden chain; rinn Bran tabhann agus thog e frioghan air: Bran gave a bark and raised his hackles; tapaidh ach le amhaich fhada: solid but with a long neck; car reamhar, agus bha spòg cam air: a bit fat, and he had a crooked paw; bha druim uaine air, agus dà chluais chorrach chrò-dhearg: he had a green back, and two erect, crimson ears; seòlta gu leòr airson a’ chùis a dhèanamh air a nà mhaid: cunning enough to defeat his enemy; bha cogadh nan con seachad: the battle of the dogs was over; bidh sinn ga chuimhneachadh fhathast nar cainnt: we still remember it in our speech.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cha bhiodh sgeul air an t-seilg: there wouldn’t be any hunting. Sealg ‘hunting’ is a feminine noun (this is demonstrated later in the Litir in cha bhiodh an t-sealg aca where the nominative singular form is preceded by t-) so it is slenderised in the dative singular with the article.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: An ceann tìde: after a while.
Broadcasts
- Sun 10 Jun 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Jun 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.