Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tormod MacArtair 2/4

Tormod MacArtair ag innse mu Sgoil 'IcNeacail 's a bhith san Arm san t-Seirbhis Nàiseanta. Norman MacArthur recalls the school hostel and doing his National Service in the army.

Bha Tormod MacArtair à Càrlabhagh, neo Am Brot mar a b' eòlaich daoin’ air, ri obair luingeis air cidhe Steòrnabhaigh airson còrr is dà fhichead bliadhna. Ron a sin bha e deugachadh a bhliadhnaichean air feadh Alba anns an t-Seirbhis Chatharra agus thug e cuideachd dà bhliadhna anns an arm ann a Sasainn ‘s an Èirinn a’ dèanamh a Sheirbhis Nàiseanta. Agus thug e fad' a bheatha, cha mhòr bho thàinig e dhan an t-saoghal ann a 1938, a’ leantainn neo a’ cluiche ball-coise agus raon-cluiche sgioba Chàrlabhaigh còmhnard mu choinneamh an taigh anns na rugadh ‘s na thogadh e air Sràid Sheumais.

Cha robh roghainn aig clann a bha dol a Sgoil Steòrnabhaigh à Càrlabhagh an uair ud ach a bhith a' loidseadh neo anns a' hostail. 'S e saoghal eile a bh' ann a Steòrnabhagh agus a' hostail an uair sin an taca ri bailtean na tuath, ged nach biodh ann ach an cothrom a bh' aig balach ball-coise a chluich. Ach bha ana-cothrom ann cuideachd.

Às dèidh na sgoile agus, mar a thuirt e fhèin, 'hat-trick de chompensatory lowers' fhaighinn ann a Laideann, bha Tormod deiseil aghaidh a chur air an t-saoghal. Ach càit' a robh e a' dol a stiùireadh? Gheibh sinn a-mach na chòmhradh ri Annella Nicleòid.

30 minutes

Last on

Sun 19 Apr 2020 10:00

Tormod MacArtair (clì) nuair a bha e sna Hussars

Tormod MacArtair (clì) nuair a bha e sna Hussars

Broadcasts

  • Thu 12 Jul 2018 12:00
  • Thu 12 Jul 2018 22:10
  • Sun 15 Jul 2018 09:30
  • Tue 14 Apr 2020 12:00
  • Tue 14 Apr 2020 22:00
  • Sun 19 Apr 2020 10:00