Litir do Luchd-ionnsachaidh 996
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 996.
Last on
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 692
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 996
Duration: 05:00
Litir 996: Aiseag an Rìgh
An robh sibh riamh air ‘aiseag an Rìgh’? A bheil fios agaibh ca’ bheil e? Tha e a’ frithealadh slighe-mhara ann an taobh sear Rois, eadar Cromba agus Bà gh an Eig. Tha e am measg nan seirbheisean aiseig mu dheireadh air taobh an ear na h-Alba.
 ’S e as coireach gur e ‘aiseag an Rìgh’ a chanar ris gun robh e air slighe eilthireachd no taistealachd o shean. Bhiodh rìghrean na h-Alba a’ tighinn an rathad sin airson faighinn gu Baile Dhubhthaich. Bhiodh iad a’ seòladh thar Linne Mhoireibh, a’ cumail a dol air tìr thar an Eilein Duibh eadar Ros Mhaircnidh agus Cromba, agus an uair sin a’ seòladh dà rna turas thar Linne Chrombaigh gu Bà gh an Eig. Bhiodh an earrann mu dheireadh air tìr eadar Bà gh an Eig agus Baile Dhubhthaich.
Bha meas mòr aig mòran air Naomh Dubhthach, agus bha Rìgh Seumas IV am measg nan taistealach a chaidh gu baile an naoimh. Eadar na bliadhnaichean ceithir cheud deug, naochad ’s a trì (1493) agus còig ceud deug is trì-deug (1513), chaidh Seumas air eilthireachd gu Baile Dhubhthaich ochd tursan deug.
           Tha fhios gur e bà ta-seòlaidh a bh’ aca air an t-slighe an uair sin. An-diugh tha bà ta ann a dh’obraicheas air einnsean dìosail, mar a bhiodh dùil. Ach chan eil fhios agam a bheil an soitheach mòran nas motha na ’n fheadhainn a bh’ ann ri linn Sheumais IV.
           Airson a’ chiad turais riamh agam, chaidh mi a-null air an aiseag bho Chromba gu ruige Bà gh an Eig o chionn ghoirid, air latha brèagha samhraidh. Bha dà charbad anns a’ chiudha – am fear agam fhìn agus fear air mhà l aig dithis luchd-turais às a’ Ghearmailt. Bha e math nach robh duine eile a’ feitheamh oir gabhaidh an soitheach dìreach dà charbad. Agus, leis an fhìrinn innse, nam biodh cà r mòr aig a’ chiad duine, chanainn nach gabhadh e ach aonan. Co-dhiù, air èiginn, fhuair na boireannaich Ghearmailteach an carbad air bòrd.
           ’S e ainm an t-soithich an Renfrew Rose agus chanainn nach eil mòran bhà taichean-aiseig – a ghabhas carbadan – nas lugha na i ann am Breatainn. Bha i uaireigin ag obair air Abhainn Chluaidh mar shoitheach aiseig a rachadh tarsainn na h-aibhne. Cha bhithinn ag iarraidh a bhith oirre ann am muir mhòr.
Tha i air a bhith a’ ruith eadar Cromba is Bà gh an Eig bho dhà mhìle is sia-deug (2016) a-mach. Ghabh i à ite na tè a bh’ ann roimhpe – Cromarty Queen agus, roimhe sin, Cromarty Rose. Bidh an t-seirbheis a’ dol bhon Ògmhios don t-Sultain. Mar sin, ma tha sibh am beachd a dhol oirre am-bliadhna, chan eil ach beagan ùine air fhà gail agaibh.
           Air taobh thall na slighe, pìos beag suas an rathad, tha neamhnaid. Tha mi air mo nà rachadh aideachadh nach robh mi air a bhith aig an t-seann eaglais ann am Bà gh an Eig roimhe. Tha rudeigin sònraichte mu a deidhinn. ’S iongantach mura robh Rìgh Seumas IV air an là raich seo, agus e air a shlighe gu ruige Baile Dhubhthaich. Ach cha do thogadh an eaglais mar a tha i an-diugh gu trà th anns an t-seachdamh linn deug. Ge-tà , thathar a’ smaoineachadh gu bheil adhradh Crìosdail air a bhith ann air an là raich seo airson mìle is dà cheud bliadhna. Carson a tha mi ag rà dh sin? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: rìghrean: kings; Baile Dhubhthaich: Tain; Linne Mhoireibh: Moray Firth; Linne Chrombaigh: Cromarty Firth; Naomh Dubhthach: St Duthac; ²úà ³Ù²¹-²õ±ðò±ô²¹¾±»å³ó: sailing boat; Abhainn Chluaidh: The River Clyde; neamhnaid: a pearl [ie a gem].
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: aiseag an Rìgh: the King’s ferry; a’ frithealadh slighe-mhara ann an taobh sear Rois: serving a maritime route in Easter Ross; eadar Cromba agus Bà gh an Eig: between Cromarty and Nigg; am measg nan seirbheisean aiseig mu dheireadh air taobh an ear na h-Alba: among the last ferry services in the east of Scotland; ’s e as coireach gur e X a chanar ris: the reason it is called X; gun robh e air slighe eilthireachd no taistealachd o shean: that it was on a pilgrimage route in olden times; a dh’obraicheas air einnsean dìosail, mar a bhiodh dùil: that works on a diesel engine, as would be expected; air latha brèagha samhraidh: on a beautiful summer’s day; bha dà charbad anns a’ chiudha: there were two vehicles in the queue; fear air mhà l aig dithis luchd-turais: one rented by two tourists; gabhaidh an soitheach dìreach dà charbad: the vessel takes only two vehicles; leis an fhìrinn innse: to tell the truth; chanainn nach gabhadh e ach aonan: I’d say it would only take one; co-dhiù, air èiginn, fhuair X an carbad air bòrd: anyway, only just, X got the/their vehicle on board; tarsainn na h-aibhne: across the river; cha bhithinn ag iarraidh a bhith oirre ann am muir mhòr: I wouldn’t like to be on it in a big sea; ghabh i à ite na tè a bh’ ann roimhpe: she took the place of the one that was there before; chan eil ach beagan ùine air fhà gail agaibh: you only have a short time left; tha mi air mo nà rachadh aideachadh: I’m ashamed to admit; thathar a’ smaoineachadh gu bheil adhradh Crìosdail air a bhith ann air an là raich seo: it’s thought that Christian worship has taken place on this site.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ri linn Sheumais IV: in the time of James IV. Ri linn is a prepositional phrase that commands the genitive case. Thus, we would say ri linn Chaluim Chille ‘in the time of Columba’, using the genitive form of Calum Cille, and ri linn nam fuadaichean ‘at the time of the clearances’. Note that ri linn can also mean ‘as a result of’ or ‘because’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: A bheil fios agaibh ca’ bheil e?: do you know where it is? [short for cà ite a bheil e and very common in speech].
Broadcasts
- Sun 19 Aug 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Aug 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.