Tasglann - An Canan D貌mhnall MacAoidh nach maireann bho 1998
C貌mhla ris a' Chanan D貌mhnall MacAoidh bho 1998 nuair a bha e na shagart am Barraigh. Gaelic service from 1998 with Canon Donald MacKay, who was Parish Priest in Castlebay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus leughaidhean a leanas:
C貌isir Eaglais Naomh Barr a' seinn Laoidh Chaluim Chille, O Thig a Nuas a Spioraid Naoimh agus F脿ilte air Reul na Mara.
C貌isir 脪g a' Bh脿gh a Tuath le S矛th agus C貌isir Eaglais Naoimh Mh矛cheil a' seinn Is Naomh, Naomh, Naomh Thu.
Leughaidhean Lucas 6: 27-38
Rugadh an Canan D貌mhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sg矛re Ghearradh na M貌nadh agus b' ann nuair a bha e na chl猫ireach air an altar ann an Eaglais M脿thair na D貌rainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr D貌mhnall gu Sgoil Ghearradh na M貌nadh gus an robh e dh脿 dheug agus chaidh e 脿s an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e 脿s an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Sp脿inn, a bha st猫idhichte aig an 脿m sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e b貌idean na sagartachd.
Chaidh Mgr D貌mhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan 脪ban bliadhna 脿s d猫idh sin far an do chuir e seachad 霉ine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an 脌rd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr D貌mhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig c貌mhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain c貌mhla ri Mgr Iain MacN猫ill. Thill e air ais dhan Sp脿inn airson sia bliadhna agus b' ann aig an 脿m sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.
Ann an 1991 chaidh Mgr D貌mhnall a chuir a Bh脿gh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sg矛re sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e c貌ig bliadhna fichead na shagart. Bh脿saich a mh脿thair d矛reach beagan l脿ithean 脿s d猫idh dha an ceann-l脿 sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an l脿thair aig aifreann sh貌nraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr D貌mhnall dhan 脪ban ann an 2001 far an robh e st猫idhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus 脠irisgeidh.
Bha 霉idh mh貌r aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-l矛on, agus bha 霉idh mh貌r aige ann an ce貌l G脿idhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu m貌r a s脿s ann a bhith toirt taic is brosnachadh don Sgoil Chi霉il Shamhraidh aig Ce貌las. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chi霉il a' t貌iseachadh le aifreann Gh脿idhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr D貌mhnall a bhiodh os cionn an aifreann.
Tr矛 bliadhna air ais fhuair Mgr D貌mhnall an naidheachd dhuilich gu robh e a' fulang le aillse. Thar nam m矛osan ch霉m e a' dol le inntinn l脿idir a' frithealadh na paraiste aig an aon 脿m 's a bha e a' frithealadh an ospadail. Bh脿saich Mgr D貌mhnall san L霉nastal an uiridh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.