Litir do Luchd-ionnsachaidh 998
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 998.
Last on
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 694
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 998
Duration: 05:00
Litir 998: Rìgh Seumas IV (1)
Bha mi ag innse dhuibh mu Eaglais an Eig ann an taobh sear Rois, a bh’ air an t-slighe thaistealachd, naomh eadar Galltachd na h-Alba agus Baile Dhubhthaich air a’ Ghà idhealtachd. Bha Rìgh Seumas IV air an t-slighe sin gu tric. Tha mi airson innse dhuibh mu Sheumas oir b’ esan an rìgh mu dheireadh againn aig an robh Gà idhlig.
           B’ e Seumas mac Rìgh Sheumais III agus a’ bhean Mairead na Danmhairg, no Mairead Nirribhidh, oir bha an Danmhairg agus Nirribhidh ann an aonadh aig an à m. Cha robh am pòsadh uabhasach soirbheachail. Chaidh Mairead agus Seumas a-mach air a chèile gu mòr. Mu dheireadh, bha esan a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus bha ise a’ fuireach ann an Sruighlea. Bha e math gun robh caisteal aca anns gach baile! Tha e coltach gun do rugadh Seumas òg ann an Caisteal Shruighlea – ann an ceithir cheud deug, seachdad ʼs a trì (1473).
           Air sgà th a’ phòsaidh, chaidh atharrachadh a dhèanamh air cruth is meud na h-Alba. ʼS ann an uair sin a thà inig Arcaibh is Sealtainn fo smachd rìghrean na h-Alba mar phà irt de thochair bho Rìgh na Danmhairg.
           O chionn còig ceud is trithead (530) bliadhna, ghabh Seumas òg thairis bho athair. Cha robh e ach còig bliadhn’ deug aig an à m. Bha e fhèin is athair air a dhol a-mach air a chèile cuideachd. Bha mòran de na h-uaislean, a bha an aghaidh an t-seann rìgh, a’ cur taic ri Seumas òg mar rìgh ùr.
           Thà inig gnothaichean gu ceann aig Blà r Allt an t-Seilich – the Battle of Sauchieburn – faisg air Sruighlea. Chaidh an seann rìgh a mharbhadh. Tha aithrisean ann gun deach a mhurt an dèidh a’ bhatail. Tha aithrisean eile ann gun deach a mharbhadh nuair a chaidh a thilgeil far eich. Co-dhiù, bha am prionnsa òg air a chur air an rìgh-chathair mar Rìgh Seumas IV. Ach, a rèir choltais, ghabh e aithreachas airson ʼs mar a thachair do athair agus mar a ghabh e fhèin gnothach ri a bhà s. Gach bliadhna aig à m a’ Charghais, bhiodh e a’ cur slabhraidh iarainn timcheall a mheadhain mar chuimhneachan air mar a ghabh e gnothach ri bàs athar.
           Bha Seumas gu math comasach. Bha e tuilleadh is eòlach air a’ Bhìoball. Leugh e tòrr leabhraichean. Bha e ioma-chà nanach. Thathar a’ smaoineachadh gun do dh’ionnsaich e Dà nais bho a mhà thair. Co-dhiù tha sin ceart no nach eil, bha na cà nanan a leanas aige: Laideann, Fraingis, Gearmailtis, Flà nrais, Eadailtis, Spà inntis, Albais agus ... seadh ... Gà idhlig.
           Tha aon rud mu dheidhinn air nach eil mi cinnteach. Tha dealbh dheth a’ sealltainn duine le stais bheag ach gun fheusag. Ach tha aithris sgrìobhte ann gun robh feusag mhòr agus falt fada aige.
           Ged a bha Gà idhlig aige, chan eil sin a’ ciallachadh gun robh Seumas bà igheil ris na Gà idheil a bha a’ stiùireadh Tighearnas nan Eilean. Rinn e oidhirp gus a’ Ghà idhealtachd a chur fo smachd là idir an rìgh.
           Aig a’ cheann thall, ʼs e a chà irdeas le Sasainn a bu dorra a bh’ aige. Ged a dh’fheuch Seumas ri Alba agus Sasainn a chumail ann an sìth le chèile, dh’atharraich cùisean nuair a ghabh Eanraig VIII thairis rìgh-chathair Shasainn ann an còig ceud deug ʼs a naoi (1509). Tuilleadh air sin an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mairead na Danmhairg: Margaret of Denmark; ±èò²õ²¹»å³ó: marriage; Sruighlea: Stirling; °ùì²µ³ó-³¦³ó²¹³Ù³ó²¹¾±°ù: throne; slabhraidh iarainn: iron chain; tochair: tocher, dowry; ¶Ùà ²Ô²¹¾±²õ: Danish; oidhirp: effort.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nuair a chaidh a thilgeil far eich: when he was thrown from his horse. The third person masculine possessive article ‘a’ [‘his’] is assumed here (it is no longer indicated in writing in front of a vowel). Thus each is in the genitive singular – because it is effectively a definite noun (one with an article). If I had written nuair a chaidh a thilgeil far each, it would mean ‘when he was thrown from a horse’ as the genitive would be unmarked, which is the case with an indefinite noun in modern usage.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Co-dhiù tha sin ceart no nach eil: whether or not that is true.
Broadcasts
- Sun 2 Sep 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 5 Sep 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.