Episode 72
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Events of the last three weeks in World War One one hundred years ago.
Bho chionn beagan sheachdainean, aig toiseach an Lùnastail 1918, bha na Co-chòmhragaich air a bhith a’ feuchainn air loidhnichean dìon nan Gearmailteach, loidhnichean a bha a’ sìor fhàs lag. Bha Blà r Amiens air tòiseachadh air an ochdamh latha is air a leantainn le grunn bhatail eile agus a-nis, aig deireadh an Lùnastail bha Dà rna Blà ir Arras air tòiseachadh agus Blà r na Scarpe nam measg.
Air an 28mh den mhìos choisinn Daibhidh Lowe Mac an t-Saoir, a rugadh ann am Mansa na h-Eaglaise Saoire am Port na h-Abhainne an Ìle, Crois Bhictoria. Bha e a’ sabaid còmhla ris an HLI. Tha an iomradh a chluinneas sinn air a threubhantas a’ toirt sealladh dhuinn air duine a choisinn an duais as aìrde airson gaisgeachd.
Ann am Moscow thug boireannach òg, Fanya Kaplan, ionnsaigh air Lenin is e a’ fà gail factaraidh airm. Chaidh peilear tro chòta, peilear eile tro amhaich, agus stad peilear eile na ghualainn chlì. Gu h-iongantach cha deach a mharbhadh. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill dè a thachair dha Fanya Kaplan.
B’ ann mu chuairt air Bapaume a bha an t-sabaid bu chruaidhe aig toiseach na Sultain, ann an sgìre a chaill na Gearmailtich sa Mhà irt 1917 ’s a choisinn iad air ais an ath Mhà irt. Air an 3mh den t-Sultain 1918 fhuair feachdan Breatannach sealbh air baile Lens agus chrìochnaich dà rna blà ir an Somme, Arras agus Bapaume.
Agus sgrìobh Seumas MacDhonnchaidh à Ìle, an litir mu dheireadh a sgrìobhadh e. B’ e Seumas brà thair an t-seinneadair ainmeil Mairead NicDhonnchaidh - a th’ air a cuimhneachadh gach bliadhna aig a’ Mhòd Nà iseanta leis an fharpais chòisir air a bheil a h-ainm. Tha e a' toirt dealbh smaoineachail air na bha a' tachairt timcheall air agus aig an aon à m dealbh soilleir na inntinn air an dachaigh. Cluinnidh sinn earrannan den litir.
Bha adhbhar aig feachdan nan Co-chòmhraigeach a bhith dòchasach aig toiseach na Sultaine. Bha saighdearan Breatannach is Frangach an tòir air na Gearmailtich a bha a’ teiche a dh’ionnsaigh Loidhne Hindenburg. Chaidh innse gun deach còrr air 19,000 prìosanach Gearmailteach a ghlacadh air an t-seachdain a chaidh, agus gu robh na Co-chòmhragaich air còrr air 150,000 prìosanach a ghlacadh bhon 18mh den Iuchar. Air an 9mh den t-Sultain bhuannaich feachdan Breatannach talamh à rd eadar Havrincourt agus Gouzeaucourt. Bha iad a-nis a’ coimhead thairis air Loidhne Hindenburg 's cha robh feachdan Frangach ach ceithir mìle bho St Quentin.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 17 Sep 2018 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 17 Sep 2018 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Sep 2018 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal