Rathad an t-Sìoda.
Dè bh’ ann an seann Rathad an t-Sìoda agus dè an rathad ùr a tha Sìona a’ togail?
What was the ancient Silk Road and what is the new Silk Road that China is building?
Bha uair ann nuair a bha bathar agus ceannaichean gu leòr a’ gabhail Rathad an t-Sìoda eadar Sìona agus an Roinn Eòrpa. Slighe a mhair airson na ceudan bhliadhnaichean air an robh mòran rudan prìseil agus beachdan eadar-dhealaichte a’ gluasad thairis air seann chrìochan.
’S fhada bhon a thà inig crìoch air latha an rathad sin. Ach an-diugh tha Sìona airson Rathad Sìoda ùr a thogail. Dè bh’ anns an t-seann rathad agus dè th’ air cùlaibh na h-iomairt ùr a tha seo? Gheibh Coinneach facal air dithis eòlaichean aig a bheil ùidh mhòr sa chuspair – Calum Iain Bartlett agus Iain Mac a’ Phearsain.
Cuideachd sa phrògram an-diugh tha Coinneach a’ cluinntinn mu obair agus beatha Sir Ridseard Kao nach maireann, fear a rinn adhartas mòr ann an saoghal an eadar-lìon.
Tha Teà rlach MacIain a’ bruidhinn ri Coinneach à Indonesia, dùthaich a tha a’ fulang gu mòr air sgà th tuil-mara far Eilean Shulawesi. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 3 Oct 2018 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Oct 2018 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal