Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh air an t-seachdain sa 100 bliadhna air ais.
The events of World War One, this week 100 years ago.

Air an 12mh den Dàmhair 1918 thug Riaghaltas na Gearmailt freagairt dhan iarrtas aig Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Woodrow Wilson a bh’ air moladh gum bu chòir dha na Gearmailtich an cùl a chur ris gach sgìre a bha fo smachd mus bruidhnear mu dheidhinn sìth. Bha Gearmailtich air gabhail ri na bha an Ceann-suidhe Wilson ag iarraidh ’s iad a’ moladh Coimisean Measgaichte a dheànadh rèiteach mun dòigh san gluaiseadh iad feachdan a-mach às a’ Bheilg ‘s an Fhraing. Cha robh sin math gu leòr dha na meadhanan ann an dùthchannan nan Co-chòmhraigeach ge-tà, a bha dhen bharail gum bu chòir dha na Gearmailtich gèilleadh gun chùmhnantan sam bith a bhith mun coinneamh. Cluinnidh sinn an tuilleadh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Fri 19 Oct 2018 23:30

Clip

Broadcasts

  • Thu 18 Oct 2018 22:00
  • Fri 19 Oct 2018 23:30