300 bliadhna bho rugadh an Dr Uilleam Mac an t-Sealgair
Cuairt timcheall air taisbeanadh ùr aig Taigh-Tasgaidh a’ Hunterian aig Oilthigh Ghlaschu.
A tour of a new exhibition at Glasgow University's Hunterian Museum. bbc.co.uk/coinneach
An-diugh tha Coinneach a’ faighinn cothrom a dhol gu Taigh-Tasgaidh a’ Hunterian ann an Glaschu, gus sùil a thoirt air taisbeanadh mun duine a stèidhich an cruinneachadh. Tha trì cheud bliadhna ann bho rugadh an Dr Uilleam Mac an t-Sealgair, fear aig an robh ùidh agus eòlas air saidheans, na h-ealain agus eachdraidh de gach seòrsa.
Airson a’ cheann-latha a chomharrachadh, tha còrr air ceithir cheud diofar rud a chruinnich Mac an t-Sealgair na latha-san ri fhaicinn. Ghabh Naomi Mitchison, Fionnlagh Cunniffe agus Iain MacAmhlaigh sgrìob don taigh-tasgaidh còmhla ri Coinneach. Am measg a’ chruinneachaidh bha iomadh rud ri fhaicinn, bho buinn-airgid gu buill-bodhaig a tha na ceudan de bhliadhnaichean a dh’aois, nach robh còmhla san aon taisbeanadh son còrr is leth cheud bliadhna. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Tue 23 Oct 2018 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 23 Oct 2018 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal