Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tasglann: An Canan Dòmhnall MacAoidh - 2003

Seirbheis bho 2003 còmhla ris a’ Chanan Dòmhnall MacAoidh nach maireann. Gaelic archive service from 2000 with the late Canon Donald MacKay.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is leughaidhean a leanas:
Criosaidh M NicNèill a’ seinn ’S e an Tighearna Fhèin mo Chìobair'
Pauline NicDhòmhnaill a’ seinn 'Gloria'
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil, Èirisgeidh a’ seinn 'Dh’fhàg thu Sìth'
Còisir Eaglais Naomh Barr às a' Bhàgh a Tuath a’ seinn 'Sìth' agus 'A Mhoire Mhìn-gheal'
Seumas Caimbeul a’ seinn 'Ùrnaigh Naomh Francis'

Leughaidhean: Mata 5: 1-12
Eòin 14:25-27 & Eòin 20:19-23
Colosianaich 3: 12-15

Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Màthair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spàinn, a bha stèidhichte aig an àm sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.

Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spàinn airson sia bliadhna agus b' ann aig an àm sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.

Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhàgh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhàsaich a mhàthair dìreach beagan làithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an làthair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeidh.

Bha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gàidhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu mòr a sàs ann a bhith toirt taic is brosnachadh don Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chiùil a' tòiseachadh le aifreann Ghàidhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr Dòmhnall a bhiodh os cionn an aifreann.

Trì bliadhna air ais fhuair Mgr Dòmhnall an naidheachd dhuilich gu robh e a' fulang le aillse. Thar an ùine sin chùm e a’ dol le inntinn làidir a’ frithealadh na paraiste aig an aon àm 's a bha e a’ frithealadh an ospadail. Bhàsaich Mgr Dòmhnall san Lùnastal an uiridh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.

30 minutes

Broadcast

  • Sun 21 Oct 2018 21:00