Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 9

Episode 9 of 10

Griogar MacLeòid is bèiceirean air feadh Alba a’fuine aran le blas sgoinneil. Gregor MacLeod and home bakers from across Scotland share their brilliant bread recipes.

Sa phrògram seo tha Griogar sa charaidean a’ sealltainn dhuinn na seòrsaichean arain is fheàrr leotha. Tha a chuilbheartan fhèin aige airson croissants traidiseanta Frangach le taois shèideach làn ime – ach ‘s iomadh pìos arain bhrèagha air am blais e ann an taighean dhaoin’ eile. Eadar lof le uinnean is càise, brisg air an taobh a-muigh, gu bonnaich spìosrach na Càisge – agus carson a chumadh duine sa bith rud cho math gu àm na Càisge a’mhàin?

Gregor and his trusted bakers and cooks show us their best bread recipes. He shows us the trick to the classic French croissant with its layers of flaky puff pastry and fills his with a generous helping of chocolate. Gregor is also out and about sampling many tasty loaves - from a cheese and onion tear ‘n’ share bread with a crispy cheesy crust, to moist, fruity hot cross buns. If something is that good then why should it just be kept for Easter?

29 minutes

An t-Aran Gràn-Innseanach aig Shona

An t-Aran Gràn-Innseanach aig Shona

260g gràn-innseanach garbh
240ml bainne goirt
2 spàin-bùird ìm
2 spàin-tì siùcar ruadh bog
1 spàin-tì salann
1½ spàin-tì pùdair-fuine
½ spàin-tì sòda-arain
2 ugh air am bualadh 

Ann am pana fraidhig an gràn-innseanach tioram (gun ìm neo ola sa phana) airson mu 5 mionaidean ach am fairich thu fàileadh às a' ghràn.

An uair sin cuir leth dhe ann am bobhla leis am bainne goirt. Cuir mun cuairt agus fàg seo am bogadh fad na h-oidhche neo airson co-dhiù uair neo dhà. 

An uair sin cuir an còrr dhan ghràn ann còmhla ris an sòda-arain, am pùdair-fuine, an t-siùcar, an t-salann agus na uighean. Cuir seo uile mun cuairt.

Leagh an t-ìm ann am pana meatailt a ghabhas cuir dhan àmhainn. Cuir an t-ìm am measg na tha sa bhobhla agus measgaich ri chèile. An uair sin cuir a h-uile sìon a tha seo air ais dhan phana agus bruich air an stòbh airson mionaid neo dhà.

Bruich ann an àmhainn aig 220C airson 20 mionaid.

Tha seo air leth ga thoirt seachad le chilli am àite rus.

An t-Aran Càise is Uinnean aig Màiri

An t-Aran Càise is Uinnean aig Màiri

1 uinnean air a fhraidheadh gus a bith e bog
50g ìm
450g flùr làidir airson aran
1 spàin-tì salann
1 pacaid 7g beirm
1 spàin-tì siùcar
100g càise cheddar
100g càise manchego
200ml bainne
1 spàin-tì mace neo pùdair mustard
100ml uisge teth

Cuir air an àmhainn aig teas 220C.

Bleith agus measgaich an dà sheòrsa càise.

Cuir am flùr ann am bobhla. An uair sin cuir ann an t-salann, an t-siùcar is am mace air aon taobh dhan bhobhla agus cuir am beirm air an taobh eile. Cuir ann an t-uinnean, leth dhan ìm agus leth dhan chàise cuideachd.

Dòirt a-staigh am bainne agus cuir a h-uile sion mun cuairt ann an inneal measgachaidh le cromag fuine airson 5 mionaidean air neo obraich an taois le làimh airson 10 gu 15 mionaidean.

Cuir seo gu dara taobh ann an àite blàth fad leth uair gu uair a thìde neo gus am bith e air dùblachadh ann am meudachd.  

Às dèidh dhan taois at gu math bheir a-mach às a' bhobhla e agus buail an aer às.

Dèan an uair sin 16 rolaichean às an taois; gan rolaigeadh le làimh ach am bith iad cruinn agus mun aon mheudachd. Lìon tiona ceàrnach le na rolaichean le ceithir rola air gach taobh dhan cheàrnag. Leig leotha fàs a-rithist airson leth uair neo uair an uaireadair.

Leagh an dara leth dhan ìm agus suath seo air muin nan rolaichean. Còmhdaich leis an còrr dhan chaise agus crathadh beag piobar.

Bruich airson leth uair a thìde.  

An t-Aran Leann-Dorcha is Trèicil aig Griogair

An t-Aran Leann-Dorcha is Trèicil aig Griogair

An t-Aran
125g flùr làidir arain
1 spàin-tì mòr cruinn sòda-arain
1 spàin-tì salann
450g flùr donn
200ml blàthach
2 spàin-bùird trèicil
150ml leann-dorcha
75g gall-chnòthan

Am Pâté
300g rionnach smocte
2 spàin-tì mustard
1 spàin-bùird caise uachdrach
1 spàin-bùird sùgh liomaine
Piobar is creamh-gàrraidh  

An toiseach cuir am flùr, an sòda-arain agus an t-salann, ann am bobhla tro shìolachan. Cuir am min donn slàn na lùib agus dèan doc sa mheadhan. Ann a shin dòirt a bhlàthach, an trèicil, an leanna dhorcha agus 50g dhe na gall-chnòthan air an gearradh beag.

Tha a h-uile càil ga mheasgachadh còmhla. Ma tha e ro thioram gabhaidh barrachd leanna a chur ris.

Bheir cumadh lofa air, le do chrògan, agus cuir ann an soitheach lìnigte lofa dà phunnd, leis an còrr dhe na cnòthan air a’ mhullach.

Cuir an lof dhan àmhainn ag 180C airson fichead mionaid, no gus an èirich e. An uair sin ìslich na teis deich ceumannan agus fàg ann e son còig mionaidean fichead eile.

Tha seo math le pâté rionnaich. Chan eil a dhìth ach an rionnach smocte a phrannadh le forca. Na lùib cuir am mustard, an càis’ uachdrach an sùgh liomaine. Tha sin uile ga mheasgachadh còmhla, le crathadh de phiobar dubh air ùr bhleith agus beagan creamh-gàrraidh meanbh.


Credits

Role Contributor
Presenter Gregor Macleod
Production Manager Sajid Quayum

Broadcasts

Reasabaidhean - Sreath 8

Reasabaidhean - Sreath 8

Na reasabaidhean bhon t-sreath ùr.

A' Fuine le...

Series in which Mairi MacRitchie meets some of the country's best bakers.