Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1008
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1008.
Last on
Wed 14 Nov 2018
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 704
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1008
Duration: 05:00
Litir 1008: Na Trì Lèintean Canaich (4)
Tha mi a’ dol a chur crìoch air an sgeulachd ‘Na Trì Lèintean Canaich’. Bha a’ bhanrigh trom a-rithist, ach lean i oirre le bhith a’ snìomh agus a’ fighe nan trì lèintean canaich airson a brà ithrean a shaoradh bhon gheas. Thà inig an aon bhean-ghlùine ʼs a bh’ aice roimhe. Rug a’ bhanrigh leanabh-gille – an dà rna fear. Chuir a’ bhean-ghlùine roimhpe gun cadal fhaighinn. Ach, an dèidh seachdain, bha i ro sgìth agus thà inig an cadal oirre.
Cha b’ fhada bha i na cadal nuair a thà inig là mh mhòr a-steach air an uinneig. Thug i leatha an leanabh. Nuair a dhùisg a’ bhean-ghlùine, cha robh sgeul air an leanabh. Bha piseag a-staigh agus mharbh i i. Chuir i fuil a’ chait ann an cupa agus shuath i an fhuil ri beul na banrigh.
Chaidh i an uair sin far an robh an rìgh. ‘ʼS ann olc a tha am boireannach siud,’ ars ise ris, ‘agus i ag ithe a leanaibh fhèin.’
‘Am bi i a’ dèanamh sin?’ thuirt an rìgh.
‘Bithidh,’ fhreagair a’ bhean-ghlùine.
‘Ud, chan eil i ach gòrach,’ thuirt an rìgh. ‘Leigidh sinn leatha sin an-drà sta.’Â
Thachair an gnothach turas eile. Bha a’ bhanrigh fhathast ag obair air na lèintean canaich. Rug i leanabh gille eile, ach chaidh a thoirt air falbh leis an là imh mhòir turas eile. Bha cuilean a-staigh. Mharbh a’ bhean-ghlùine an cuilean agus shuath i fuil bhuaithe air beul na banrigh.
Chaidh a’ bhean-ghlùine a-rithist far an robh an rìgh. ‘ ʼS ann olc a tha am boireannach siud. Dh’ith i a leanabh fhèin,’ thuirt i.
An turas seo, bha beachd eadar-dhealaichte aig an rìgh oirre. ‘Bidh sinn ga crochadh a-mà ireach,’ thuirt e.
Bha na trì lèintean canaich a-nise deiseil. Chaidh fios a-mach gu gach ceà rn gun robhar a’ dol a chrochadh na banrigh. Chaidh fios a chur air na trì coin ghlasa anns an uaimh. Thà inig iad air muin each, nan trì gillean òga, agus bha balachan beag leis a h-uile fear aca.
Dh’iarr a’ bhanrigh air an fhear a bu shine a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhrà thair,’ ars ise.
‘Gum bi thu fhèin slà n, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
Dh’iarr i an uair sin air an fhear mheadhanach a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine ùr air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhrà thair,’ ars ise.
‘Gum bi thu fhèin slà n, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
Dh’iarr i air an fhear a b’ òige a chuid aodaich a chur dheth. Chuir i lèine chanaich air. ‘Gun còrd do lèine riut, a bhrà thair,’ ars ise.
‘Gum bi thu fhèin slà n, fallain, a phiuthar,’ ars esan.
‘ʼS e sinne a thug a’ chlann agad air falbh,’ dh’aidich na brà ithrean. ‘Bha an t-eagal oirnn gum bruidhneadh tu riutha aig à m laighe, agus gum biomaid fo gheasaibh gu sìorraidh. Seo an triùir bhalach agad.’
Chunnaic an rìgh seo agus bha e toilichte. Chuala e guth a mhnà airson a’ chiad turais. Chuir e às don bhean-ghlùine, don Iochlach Ùrlair (a’ bhana-bhuidseach) agus don mhuime olc. Thill e fhèin, a’ bhanrigh agus an triùir mhac don lùchairt, far an robh iad sona còmhla. Ach tha amharas agam nach do rinn a’ bhanrigh aon lèine chanaich tuilleadh fhad ʼs a bu bheò i.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Na Trì Lèintean Canaich: The Three Bog Cotton Shirts; trom: pregnant; piseag: kitten; eadar-dhealaichte: different; na trì coin ghlasa: the three grey dogs; balachan: wee lad.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: lean i oirre le bhith a’ snìomh agus a’ fighe: she continued spinning and weaving; airson a brà ithrean a shaoradh bhon gheas: to free her brothers from the spell; thà inig an aon bhean-ghlùine ʼs a bh’ aice roimhe: the same midwife came that she had had before; rug a’ bhanrigh leanabh-gille: the queen gave birth to a son; thug i leatha an leanabh: it took the baby with it; chuir i fuil a’ chait ann an cupa: she put the cat’s blood in a cup; shuath i an fhuil ri beul na banrigh: she wiped the blood on the queen’s mouth; ʼs ann olc a tha am boireannach siud: that woman is evil; ag ithe a leanaibh fhèin: eating her own baby; am bi i a’ dèanamh sin?: does she [will she] be doing that?; chan eil i ach gòrach: she is just foolish; leigidh sinn leatha: we’ll let her be; rug i leanabh gille eile: she gave birth to another baby boy; mharbh a’ bhean-ghlùine an cuilean: the midwife killed the puppy; bidh sinn ga crochadh a-mà ireach: we’ll be hanging her tomorrow; dh’iarr a’ bhanrigh air an fhear a bu shine a chuid aodaich a chur dheth: the queen asked the eldest one to take off his clothes; gun còrd do lèine riut, a bhrà thair: [I hope] that you enjoy your shirt, brother; gum bi thu fhèin slà n, fallain, a phiuthar: [I hope] that you’ll be hale and healthy, sister; ʼs e sinne a thug a’ chlann agad air falbh: it’s us that took away your children; bha an t-eagal oirnn gum bruidhneadh tu riutha aig à m laighe: we feared that you would speak to them at bedtime; gum biomaid fo gheasaibh gu sìorraidh: that we’d forever be under a spell; chuala e guth a mhnà : he heard his wife’s voice; fhad ʼs a bu bheò i: as long as she lived.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gun robhar a’ dol a chrochadh na banrigh: that the queen was going to be hanged. Gun robhar is a passive form, the relative form of bhathar. Bhathar a’ dol a chrochadh na banrigh ‘the queen was going to be hanged’. Crochadh is a verbal noun in its infinitive form which places banrigh in the genitive case thus the genitive article na.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: thà inig an cadal oirre: she fell asleep.
Broadcasts
- Sun 11 Nov 2018 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Nov 2018 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.