Mar a dhèiligeas saighdearan ri cogadh
Ciamar a tha saighdearan a' latha'an-diugh a’ dèiligeadh ri cogadh nuair a thilleas iad? How do soldiers of today deal with the aftermath of war when they return?
Ciamar a tha saighdearan sa latha a th’ ann a’ dèiligeadh ri cogadh nuair a gheibh iad dhachaigh? Tha Coinneach a’ cluinntinn bho dhithis – an t-Urr. Aonghas Mac a’ Ghobhainn agus Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir – a bha anns an arm. Agus tha an saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid a’ mìneachadh mar a tha cuimhneachadh agus comharrachadh cogaidh a’ toirt buaidh air coimhearsnachdan.
Tha Murchadh MacLeòid ag innse dhuinn mu na h-Uighurs, sluagh Tuirceach air taobh siar Shìonaidh a tha fo amharas aig a’ riaghaltas Sìonach.
Cluinnidh Coinneach cuideachd bhon tè-naidheachd Anna KC NicLeòid mu Jim Ratcliffe, fear-gnothachais cho beartach 's a th’ anns a’ rìoghachd. Cò e, agus dè tha ga fhà gail anns na naidheachdan an-drà sta?
Agus beachd air mar a tha cùis Jamal Khashoggi an dèidh buaidh a thoirt air oighre Shaudi Arabia, Mohammed bin Salman.
bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Tue 20 Nov 2018 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal