Leabhraichean mu Chall na h-Iolaire
Sùil tro na diofar leabhraichean a chaidh a sgrìobhadh mu chall na h-Iolaire.
A look at the selection of books written about the loss of the Iolaire. bbc.co.uk/coinneach
Ceud bliadhna bho chall na h-Iolaire air Biastan Thuilm ann an 1919, chan eil ach glè bheag de leabhraichean eachdraidh mun tubaist air a bhith air an sgrìobhadh. An-diugh tha Coinneach a’ toirt sùil orra sin an cuideachd Choinnich MhicLeòid agus Agnes Rennie.
Còmhla bheir iad sùil air The Darkest Dawn le Calum Dòmhnallach, When I Heard The Bell le Iain MacLeòid, Call na h-Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach agus an leabhran Sea Sorrow, foillsichte ann an 1960.
A thuilleadh air an sin cluinnidh sibh còmhraidhean a bh’ aig Coinneach thar nam bliadhnaichean air na leabhraichean agus na sgrìobhadairean a th’ air a bhith a’ rannsachadh eachdraidh na h-Iolaire agus dìleab mharaichean Leòdhais san fharsaingeachd. Dè tha ri ionnsachadh bho na leabhraichean agus ciamar a tha na sgrìobhadairean a’ dèiligeadh ris an tubaist? Agus dè dh’innseas seo dhuinn air mar a dhèilig eileanaich ri call de chòrr air 200 duine air oidhche na bliadhn’ ùire 1919 air starsaich an eilein aca fhèin? bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Thu 13 Dec 2018 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 13 Dec 2018 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal