
2/2 Eilthireachd, cogadh, an Iolaire is poilitigs - am buaidh air na h-Eileanan an Iar thar 100 bliadhna
Òganaich a’ rannsachadh tachartasan a thug buaidh air na h-Eileanan thar 100 bliadhna.
Teenagers explore the legacy of four major social influences on the islands over 100 years.
Freumhan: pròiseact far an robh luchd-obrach aig Aonad Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar a' leantainn ceathrar eileanach òga agus iad a' rannsachadh eachdraidh an teaghlaichean fhèin agus na ceanglaichean a bh’ aig na teaghlaichean aca ri cuid de na prìomh thachartasan a ghabh à ite anns na h-Eileanan an Iar thar na ceud bliadhna a chaidh seachad.
Eilthireachd, buaidh a' chogaidh, strì an fhearainn agus tubaist na h-Iolaire, na cuspairean air an robh an òigridh a' beachdachadh. Tha Aonad Ioma-mheadhain Chomhairle nan Eilean Siar a' cur prògram aithriseach a chur ri chèile mar ghoireas foghlaim agus a bhios ri fhaighinn air an eadar-lìon an-ath-bhliadhna. Ach anns na prògraman rèidio seo, gheibh sinn blasad de na dh’ionnsaich an òigridh mun sinnsirean. Anns a' phrògram seo tha sinn a’ coinneachadh ri Karen NicIllFhinnein à Gòbhaig anns na Hearadh agus Ceitidh NicAonghais à Crosbost air na Lochan.
Last on
Karen NicIllFhinnein

Ceitidh NicAonghais

Broadcasts
- Tue 18 Dec 2018 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 18 Dec 2018 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 Dec 2018 10:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal