Ceann a Tuath nan Loch
Buaidh mhaireannach call na h-Iolaire air sgìre Cheann a Tuath nan Loch.
The enduring legacy of the Iolaire disaster on North Lochs in Lewis.
Tha sgìre Cheann a Tuath nan Loch a’ gabhail a-steach bailtean Loch a' Ghainmhich, An Achadh Mhòr, Liùrbost, Crosbost, Ranais agus Grimisiadar-sgìre a dh’fhulang gu mòr ri linn sgrios a’ Chogaidh Mhòir agus call na h-Iolaire. Chaillear 57 tron chogadh gu lèir agus 22 air Biastan Thuilm.
‘S iomadh cagailt' air an do bhuail a’ bhuille chruaidh seo, ‘s aig a bheil sgeulachd ri innse. Ann am baile Liùrboist, chaillear 11 agus bha sianar dhiubh sin ann an croileagan thaighean nach robh ach cairteal a' mhìle bho chèile. Ann am baile Rà nais chaillear coignear agus chaidh coignear eile a shà bhaladh. Chaidh 12 às a' sgìre gu lèir a shà bhaladh an oidhch’ ud.
Anns a’ phrògram seo tha Seonaidh Dòmhnallach a’ coinneachadh ri feadhainn aig a bheil ceanglaichean là idir ris na balaich a bh’ air an Iolaire agus a’ faighinn a-mach mun bhuaidh mhaireannach a thug an call air a’ sgìre. Chaillear brà thair a sheanmhair fhèin, Calum Macneacail, Calum Beag Iain Dhòmhnaill, 20 Ranais, ‘s cha d’fhuaireadh a chorp a-riamh.
Cluinnidh sinn mar a chaidh corp seòladair à Nis a bh' air an Iolaire a lorg am beul Loch Liurboist sia mìosan às dèidh là imh. B’ e Aonghas Dòmhnallach, Aonghas Chaluim Breabadair, 3 Port Nis am balach Niseach a bha trì bliadhna thar fhichead. ‘S ged bha fhios aig tè dha chà irdean, Marlene NicLeòid gu robh e air a thiodhlacadh ann an Cladh Thomaig a Lang, cha robh i a-riamh air a bhith ann. B’e brà thair a seanmhair a bh’ ann an Aonghas.
Last on
Clip
-
Bailtean fo Bhròn: Ceann a Tuath nan Loch
Duration: 04:40
Broadcasts
- New Year's Day 2019 12:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- New Year's Day 2019 19:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 6 Jan 2019 09:33´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal