A' cuimhneachadh air tubaist na h-Iolaire ann an Leòdhas
Tha sgoilearan Leòdhais agus na Hearadh a' cuimhneachadh air tubaist na h-Iolaire.
School pupils in Lewis and Harris mark 100 years since the Iolaire disaster in Lewis.
An-diugh prògram sònraichte a' comharrachadh ceud bliadhna bho chall na h-Iolaire ann an Leòdhas.
Anmoch air an fheasgar air 31mh Dùbhlachd 1918, dh’fhà g an Iolaire Caol Loch Aillse air an t-slighe gu Steòrnabhagh le 283 duine air bòrd. A bharrachd air criutha an t-soithich, b’ e seòladairean agus saighdearan air an t-slighe dhachaigh aig deireadh a’ chiad chogaidh a bh’ air bòrd.
Dìreach ro dhà uair sa mhadainn, madainn Latha na Bliadhn’ Ùire 1919, mu 50 slat bhon chladach, chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm, mu mhìle bho chidhe Steòrnabhaigh. Cha dhìochuimhnich muinntir nan eilean a’ chreach a thà inig orra gu sìorraidh.
Chaidh 201 duine a bhà thadh air an oidhche ud. Bha caoidh is ionndrainn air gach fear aca.
Cluinnidh sinn bho sgoilearan air feadh Leòdhas agus na Hearadh agus iad a’ bruidhinn mu na pròiseactan aca air an Iolaire, dealbhan-chluich a rinn iad ga chomharrachadh, pìosan bà rdachd a sgrìobh iad agus na ceanglaichean teaghlaich a th’aca fhèin ris an Iolaire. bbc.co.uk/aileag
Last on
More episodes
Broadcasts
- Fri 4 Jan 2019 14:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 5 Jan 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal