Seirbheis deireadh bliadhna bho 2010
Seirbheis deireadh na bliadhna còmhla ris an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn, Eaglais na h-Alba.
Rev John M Smith, Church of Scotland conducts the end of year service for 2010.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 105: 2-3 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Srà id Ghardner aig Eaglais na h-Alba.
Salm 23: 5-6 air fonn Evan agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt.
Leughadh: Àireamhan 10: 29-36
Ceann-teagaisg: Àireamhan 10.29
Ged a rugadh an t-Urramach Iain M. Mac a' Ghobhainn, John Murdo an Tucsain, ann an Leòdhas anns an Lùnastal 1927, chanadh e fhèin nach mòr nach e Uibhisteach a th' ann. Dh'fhalbh e à Leòdhas aig aois 18, nuair a chaidh e do Fheachd an Adhair, ach tha e air a bhith an Uibhist còrr math air leth cheud bliadhna .
'S e an treas mac aig Alasdair Iain Sheònaid à Siadar agus bhuineadh a mhà thair, Oighrig Iain Uilleim Ruaidh, do sgìre Bharabhais. Bha còignear theaghlach aca, Dòmhnall Iain, Uilleam, John Murdo, Catrìona agus Dòmhnall Murdo. Clann an Tucsain a chanar riutha, an t-ainm a' tighinn bhon athair a chuir seachad ùine an Ameireagaidh na òige.
Chaidh Iain do Sgoil Àirigh an Tuim, mu mhìle bhon taigh aca. Dh'fhà g e sgoil aig aois 14, airson a dhol an ceann a chosnaidh, a' dèanamh obair sam bith a bha dol, a' cuideachadh le obair fearainn agus le togail thaighean.
Aig aois 18 chaidh a thogail do Fheachd an Adhair. An dèidh greis a' trèanadh ann a' Sasainn am meadhan nan dà fhicheadan, chaidh e dhan Èiphit agus às dèidh sin a dh'Iraq. Thug e bliadhna aig Shaibah, faisg air Basra, mus do ghluais e gu Habbaniya, far an robh port-adhar mòr agus trang. Chòrd an dùthaich agus na daoine ris.
Thill John Murdo à Feachd an Adhair air ais a Shiadar ann an 1948 agus bliadhna an dèidh sin thà inig atharrachadh na bheatha nuair a bha dùsgadh spioradail as a' sgìre. Chaidh an t-uabhas de dhaoine sean is òg iompachadh as an dùsgadh agus iad an dèidh a bhith ag eisteachd ris na searmoin aig an t-soisgeulaiche an t-Urr Donnchadh Caimbeul.
Le taic bho Mgr MacAoidh, ministeir na sgìre aig an à m, chuir John Murdo aghaidh air foghlam agus ullachadh airson a bhith na mhinisteir. An 1956, cho luath 's a bha e ullamh, fhuair e gairm a dh'Uibhist a Deas, bho choitheanal Eaglais Tobha Mòr.
Bha trì eaglaisean rim frithealadh as a' sgìre - ann an Tobha Mòr, san Druim Mòr agus san Ìochdar. 'S ann an eaglais an Ìochdair a choinnich e ri bhean, Mairead Nic a' Phearsain, a bha na tidsear bun-sgoil agus, dà bhliadhna an dèidh dha tighinn a dh'Uibhist, phòs iad.
Bha e an Uibhist aig an à m a bha raon na rocaidean ga stèidheachadh agus bha e tric a dol a dh'èisteachd ris na croitearan a' tagradh air an son fhèin ann an Cùirt an Fhearainn. Gu dearbha, chaidh a' chùirt a dhùnadh an latha a phòs e gus am faigheadh daoine cothrom a dhol chun na bainnse.
Bha an t-Urr Mac a' Ghobhainn air a bhith ann an Tobha Mòr seachd no ochd a bhliadhnaichean nuair a fhuair e gairm bho choitheanal Loch nam Madadh is Thruimisgearraidh. Ghluais e gu tuath ann an 1963. Shaothraich e an Uibhist a Tuath airson 30 bliadhna, a' frithealadh trì eaglaisean an Truimisgearraidh, Loch Portan agus Loch nam Madadh.
Tha e air a dhreuchd a leigeil dheth ach tha e fhathast a' fuireach a Loch nam Madadh. Thairis air na bliadhnaichean a bha e ag obair an Uibhist a Tuath, tha e smaoineachadh gun d' rinn e mu 6,000 searmon, gun do bhaist e còrr air 200 pà iste agus gun do phòs e 90 cà raid.
Ann an 2016 chaidh Bonn Ìmpireachd Bhreatainn, am BEM, a bhuileachadh air an Urr Iain M Mac a' Ghobhainn ann an Liosta Urraman na Banrigh agus chan e sin a-mhà in, am bliadhna sin cuideachd bha e a' comharrachadh 60 bliadhna bhon a chaidh e na mhinistear an toiseach.