Carson a tha Facebook Messenger, WhatsApp agus Instagram a’ tighinn còmhla?
An e droch rud a th’ ann g' eil Instagram, Messenger agus WhatsApp gan toirt còmhla?
Is the linking of Messenger, Instagram and WhatsApp by Facebook a bad thing?
An-diugh ’s e Coinneach Mac a’ Ghobhainn a tha sa chathair.
Leis a’ naidheachd gu bheil Facebook am beachd Instagram, Messenger, agus WhatsApp a cheangal ri chèile, ciamar a tha daoine a’ faireachdainn mu dheidhinn? An-dràsta ’s ann le Facebook a tha gach seirbhis, ach nan deigheadh an amaladh ri chèile, an cuireadh sin daoine gu seirbhisean eile? Sin a’ cheist a tha ro Dhòmhnall Dòmhnallach, Màiri Ross agus Sìne NicLeòid.
Cuideachd sa phrògram tha Coinneach a’ cluinntinn mun sgrìobhadair is an craoladair-spòrs Hugh McIlvanney, a bhàsaich Dihaoine sa chaidh, bho Ailig O’ Henley, a bha eòlach air agus air a bheatha obrach.
Tha an tè-lagha Isabel NicLeòid a’ mìneachadh cumhachdan riochdachaidh, neo “power of attorney”, is mar a tha sin ag obair.
Agus sgeulachd annasach uaigh Mhata Flinders, taistealaiche a tha fìor ainmeil ann an Astràilia. Gu o chionn ghoirid, cha robh fhios ge-tà càite an deach a thiodhlaiceadh – gus an do nochd uaigh ann an cladh a thathas a’ gluasad airson loidhne-rèile HS2 a thogail.
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 29 Jan 2019 09:00ý Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Jan 2019 21:00ý Radio nan Gàidheal