Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1023
Tha Ruairidh MacIlleathain air ais le Litir do Luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. Litir à ireamh 1023.
Last on
Wed 27 Feb 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 719
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1023
Duration: 05:00
Litir 1023: CÃ r Albannach anns an Antartaig
Bha mi a’ bruidhinn mu dheidhinn nan carbadan Argyll, a bh’ air an togail ann an Alba o chionn còrr is ceud bliadhna. Cha b’ e sin an aon chompanaidh Albannach a bha a’ togail chà raichean mun à m sin. Mar eisimpleir, bha an Arrol-Johnston ann. Bha sin air a thogail le Seòras MacIain ann an Glaschu. Ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a sia (1896), chaidh cà in a chur air Seòras airson a bhith a’ drà ibheadh carbad ann am meadhan Ghlaschu. Bha e an aghaidh an lagh an uair sin!
Tha mi airson innse dhuibh mu aon charbad a thog Arrol-Johnston. B’ e sin am fear a thug Ernest Shackleton leis don Antartaig ann an naoi ceud deug ʼs a seachd (1907) air ‘Triall an Nimrod’. B’ e an Nimrod an soitheach-mara aca. ʼS e mo thuigse gum b’ e cà r Albannach a’ chiad chà r riamh a chuir a chuibhlichean air sneachd na h-Antartaig. Ma tha sibh airson dealbhan fhaicinn dheth, gheibh sibh sin air an eadar-lìon.
Chan e cà r à bhaisteach a bh’ ann. Bha einnsean ceithir-siolandair aige, a bha a’ dèanamh suas ri còig horsepower deug. Ach, eucoltach ris a’ chuid a bu mhotha de charbadan, bha an t-einnsean air fhionnarachadh le èadhar, seach uisge. Bha e air a bhith do-dhèanta rèididheatar là n uisge a chumail bho bhith a’ reothadh ann am fuachd na h-Antartaig.Â
Chaidh seacaid a thogail timcheall a’ chà rbradair. Chaidh na gasaichean traoghaidh à aon siolandair a chur tron t-seacaid airson an cà rbradair a bhlà thachadh. Chaidh na gasaichean bho na siolandairean eile a chur tro chiùineadair-fuaim a bha cuideachd na theasadair-coise don drà ibhear.Â
Thug an sgioba aig Shackleton ola shònraichte leotha nach biodh a’ reothadh. Thug iad tòrr phà irtean spèir aca, agus grunn seòrsaichean chuibhlichean.
Ach saoil an robh an carbad soirbheachail? Airson an fhìrinn innse, cha robh. Anns a’ chiad dol a-mach, bha e ro throm. Thug iad a h-uile rud dheth ach a-mhà in a chassis agus aon suidheachan airson an drà ibheir. Bha iad ag iarraidh a chur gu feum dìreach airson slaodan a bha là n bathair a tharraing air an deigh. Ach, eadhon airson sin, cho luath ʼs a bha sneachd bog ann, bhiodh na cuibhlichean a’ dol an sà s ann.Â
Bha pà irtean dhen charbad a’ reothadh agus bha na daoine a’ cur seachad mòran ùine ag obair air. A bharrachd air sin, agus a dh’aindeoin fuachd na h-à rainneachd, bhiodh einnsean a’ chà ir uaireannan a’ fàs ro theth!
Ach dh’ionnsaich daoine gu leòr bhon Arrol-Johnston sin. Thuig iad gum biodh tragaichean, seach cuibhlichean, riatanach air carbadan dhen t-seòrsa sin anns an Antartaig. Agus bha tragaichean air na carbadan a thug Raibeart F Scott leis air a thriall Antartaigeach ann an naoi ceud deug ʼs a deich (1910).Â
Cha robh Shackleton soirbheachail ann a bhith a’ ruigsinn a’ Phòla a Deas. Ach chuir e buidheann gu mullach Beinn Erebus – a’ chiad fheadhainn a bha riamh an sin. Agus chaidh feadhainn na b’ fhaide deas na buidheann sam bith romhpa – taobh a-staigh ceud mìle bhon Phòla.Â
Rà inig buidheann eile aige am Pòla Magnaiteach a Deas cuideachd. Mar sin, bha an triall soirbheachail ann an iomadach dòigh. Nuair a dh’fhalbh an Nimrod airson tilleadh gu Sealainn Nuadh aig deireadh gnothaich, bha an Arrol-Johnston air bòrd. Dè thachair dha? Gu mì-fhortanach, chan eil cà il a dh’fhios a’m.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seòras MacIain: George Johnston; Triall an Nimrod: The Nimrod Expedition; einnsean ceithir-siolandair: 4 cylinder engine; ola shònraichte: special oil; Am Pòla a Deas: The South Pole; Am Pòla Magnaiteach a Deas: The South Magnetic Pole; Sealainn Nuadh: New Zealand.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: cha b’ e sin an aon chompanaidh Albannach a bha a’ togail chà raichean mun à m sin: that wasn’t the only Scottish company that was building cars around that time; chaidh cà in a chur air X: X was fined; airson a bhith a’ drà ibheadh carbad ann am meadhan Ghlaschu: for driving a vehicle in the middle of Glasgow; ʼs e mo thuigse gum b’ e cà r Albannach a’ chiad chà r riamh a chuir a chuibhlichean air sneachd na h-Antartaig: it’s my understanding that a Scottish car was the first ever car that put its wheels on the snow of the Antarctic; gheibh sibh sin air an eadar-lìon: you’ll get that on the internet; eucoltach ris a’ chuid as motha de charbadan: unlike most vehicles; bha an t-einnsean air fhionnarachadh le èadhar: the engine was cooled with air; chaidh na gasaichean traoghaidh à aon siolandair a chur tron t-seacaid airson an cà rbradair a bhlà thachadh: the exhaust gases from one cylinder were put through the jacket in order to warm the carburettor; tro chiùineadair-fuaim a bha cuideachd na theasadair-coise don drà ibhear: through a silencer that was also foot-warmer for the driver; thug iad tòrr phà irtean spèir aca, agus grunn seòrsaichean chuibhlichean: they took many spare parts with them, and a few types of wheel[s]; bha iad ag iarraidh a chur gu feum dìreach airson slaodan a bha là n bathair a tharraing air an deigh: they wanted to use it just to pull sledges that were full of goods on the ice; bhiodh na cuibhlichean a’ dol an sàs ann: the wheels would get stuck in it; a dh’aindeoin fuachd na h-à rainneachd, bhiodh einnsean a’ chà ir uaireannan a’ fàs ro theth: despite the cold of the environment, the car’s engine would sometimes get too hot; gum biodh tragaichean, seach cuibhlichean, riatanach: that tracks, rather than wheels, would be necessary; dè thachair dha?: what happened to it?
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Anns a’ chiad dol a-mach, bha e ro throm: to begin with, it was too heavy. This is one way of expressing ‘intially, to begin with’. Another one is aig toiseach gnothaich.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha e air a bhith do-dhèanta rèididheatar là n uisge a chumail bho bhith a’ reothadh: it would have been impossible to keep a radiator full of water from freezing.
Broadcasts
- Sun 24 Feb 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Feb 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.