Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Eachann Moireasdan, Eaglais na h-Alba 1992

1/2 Seirbheis 脿 tasglann a' BhBC c貌mhla ris an Urr Eachann Moireasdan, Eaglais na h-Alba 1992.

Gaelic religious archive service from 1992 conducted by Rev Hector Morrison.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 2-3 air fonn St David agus 鈥榮 e D貌mhnall Iain D貌mhnallach a tha os cionn na seinn.
Salm 45: 10-12 air fonn Torwood,agus 鈥榮 e D貌mhnall Tormod Mac a' Ghobhainn a tha os cionn na seinn
Salm 122: 6-7 air fonn Stornoway agus 鈥榮 e Alasdair D貌mhnallach a tha os cionn na seinn
Chaidh an t-seinn a chl脿radh ann an Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.

Leughadh: Salm 34: 1-10
Ceann-teagaisg: Salm 34:5

Rugadh Eachann Moireasdan ann an 1955 ann an Ste貌rnabhagh. 'S ann 脿 Grabhair a bha a ph脿rantan - bha athair na bhreabadair agus 's e banaltram a bha na mh脿thair. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach agus b' esan an d脿rna duine bu shine. Chaidh Mgr Moireasdan a Sgoil MhicNeacail mus do ghluais e a Ghlaschu dhan oilthigh ann an 1973. Cheumnaich e ann an 1976 agus mar ph脿irt den tr猫anadh aige airson na ministrealachd cheumnaich e a-rithist ann an 1980.

Ph貌s Mgr Moireasdan agus a bhean, Annice NicIllinnein, ann an 1981. Chaidh Mgr Moireasdan a ph貌sadh ris a' chiad choitheanal aige san D霉bhlachd 1981. Chuir e seachad naoi bliadhna na mhinistear air coitheanal Bharabhais agus rugadh dithis mhac dhaibh aig an 脿m sin, Neil agus Ruairidh. Dh'ionnsaich Mgr Moireasdan a' Gh脿idhlig nuair a bha e ann am Barabhas agus th貌isich e air searmonachadh sa ch脿nan.

B' e a' chiad ministear a bha air coitheanal Loch Aillse nuair a ghluais e sin ann 1990. Rugadh an treas leanabh nuair a bha iad ann an Loch Aillse agus 's e Cailean a thug iad air. Fhads a bha Mgr Moireasdan na mhinistear aig Eaglais na h-Alba, bha e na bhall air iomadach comataidh.

Ghluais iad 脿 Loch Aillse ann an 1994 nuair a chaidh e a' s脿s ann a bhith cur air chois ionad Diadhachd na G脿idhealtachd. 'S e Maighstir Moireasdan, cuide ris an Ollamh Anndra McGowan, a bha gu m貌r air c霉laibh Ionad Diadhachd na G脿idhealtachd a chur air chois. Bha an t-ionad, ri taobh Colaiste Mhoireibh, mar ph脿irt de dh'ionadan is colaistean a bha air an st猫idheachadh fo bhratach Oilthigh na G脿idhealtachd. Th貌isich iad ann an ionad gu math beag ann an 1994 agus aig toiseach 1999, ghluais iad gu ionad gu math nas motha ann an Inbhir Pheofharain, far a bheil iad a-nise neo-eisimeileach bho Cholaiste Mhoireibh agus an togalach fh猫in aca. Dh'atharraich iad an ainm gu Colaiste Diadhachd na G脿idhealtachd. Ghabh Mgr Moireasdan thairis obair Prionnsapal na Colaiste ann an 2009.

30 minutes

An t-Urr Eachann Moireasdan

An t-Urr Eachann Moireasdan

Broadcast

  • Sun 3 Mar 2019 21:00