Gà idhealtachd Dhùn nan Gall agus Dreag ann an Ùig
Tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn sa chathair le cuspairean eadar Algeria agus Dùn nan Gall.
Coinneach Smith presents the programme on topics from Algeria to Donegal.
Chan e rud ùr a th’ ann an staing poilitigeach san t-saoghal Arabach, ach tha troimh-chèile dha-rìribh ann an Algeria an-drà sta. Le muinntir na dùthcha a’ caismeachd airson seann cheannard na dùthcha atharrachadh, tha Maureen NicLeòid a’ mìneachadh dè th’ air cùl na connspaid.
Cuideachd an-diugh tha Aonghas Dòmhnallach a’ toirt sùil air dreagan – clachan a tha a’ tuiteam gu talamh às na speuran. Le NASA ag rà dh gun do sprèidh tè mhòr os cionn na Ruis san Dùbhlachd, dè dìreach a th’ unnta? Cluinnidh Coinneach cuideachd mu cheistean co-cheangailte ri dreag a thuit – neo nach do thuit – ann an Ùig Leòdhais ann an 1959.
Tha Dòmhnall Iain Dòmhnallach ag aithris air mar a dh’fhaodadh companaidhean teicneòlais stad a chur air bhidiothan ceannairc air na meadhanan sòisealta.
Agus beachdan bho dithis Ghà idheal ann an Dùn nan Gall, an Èirinn air co ris a tha cùisean coltach air a’ Ghà idhealtachd as fhaide tuath sa phoblachd agus ciamar a tha suidheachadh eacanomaigeach, cà nain, is sluaigh nan Gà idhealtachdan Èireannach?
bbc.co.uk/Coinneach
Last on
Broadcasts
- Tue 19 Mar 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Mar 2019 21:03´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal