Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeul annasach teaghlach Dhòmhnaill Meek san Eaglais Bhric

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha.
Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.

Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bàrd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek.

Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phàirt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann.

A thuilleadh air a sin, tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bàrdachd agus bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gàidhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig ( MAGOG ).

San t-sreath seo, 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid.

Anns a' phrògram seo tha iad san Eaglais Bhric 'far na thòisich na Meeks', far an d' fhuair iad air adhart ach far mu dheireadh an tàinig sgaradh a tha a' leantainn chun a' là an-diugh.

30 minutes

Last on

Sun 31 Mar 2019 09:30

Clip

Taigh Bhantaskin san Eaglais Bhric

Taigh Bhantaskin san Eaglais Bhric
Taigh Bhantaskin, nach eil ann an-diugh, far an do phòs Nancy NicDhòmhnaill agus Seumas Meek.

Broadcasts

  • Thu 28 Mar 2019 12:00
  • Thu 28 Mar 2019 22:00
  • Sun 31 Mar 2019 09:30