Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòmhnall A MacIllEathain, miseanaraidh Eaglais na h-Alba

Seirbheis bho 1997 còmhla ri Dòmhnall A MacIllEathain (nach maireann) miseanaraidh a bh'aig Eaglais na h-Alba. Archive service conducted by the late Donald A MacLean, missionary.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 106: 1-3 air fonn St David agus Salm 122: 7-8 air fonn New Cambridge. ‘S e Doilidh Murdo Fearghasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.

Leughadh : Eabhraidheach 12: 22-29
Ceann-teagaisg: Eabhraidheach 12: 27

Rugadh Dòmhnall Angaidh MacIllEathain ann an Cliasamol ann an Ceann a Tuath na Hearadh ann an 1922. Bhuineadh an teaghlach don Sgarp agus cha do chaill e an dàimh a bh' aige do dh'eilean beag àraich.

Ged nach robh anns an Sgarp ach eilean beag, rugadh grunn math dhaoine air an eilean a rinn seirbheis don eaglais mar mhinistearan agus mar mhiseanaraidhean ann an Alba agus thall thairis. Bha Dòmhnall Angaidh suidhichte mar mhiseanaraidh aig Eaglais na h-Alba, ann an Loch Croistein ann an Leòdhas, ann am Barraigh, ann an Càirinis an Uibhist a Tuath, ann am Màraig, ann an Cul nan Cnoc anns an Eilean Sgitheanach, agus mu dheireadh ann an Àird a' Bhàsair. A bharrachd air a sin bhiodh e a' cuideachadh ann an sgìrean eile.

Bha Dòmhnall Angaidh pòsta aig Nina agus bha còignear de theaghlach aige – triùir nighean agus dithis ghillean agus bha ceathrar oghaichean aige.

Thug e seachad a' chiad searmon ann an Cille Mhoire agus am Paibeil ann an Uibhist a Tuath ann an 1947, agus shearmonaich e airson an turas mu dheireadh anns an Ath Leathann, an oidhche mun do chaochail e, Didòmhnaich an treas latha den Ghiblean 2005.

An dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth bha Dòmhnall Angaidh a' fuireach ann an Slèite. Bha Gàidhlig shiùbhlach bheartach muinntir na Sgarp aige agus bha e mion-eòlach air beul-aithris. Bha cuimhne mhìorbhaileach aige agus chumadh e cuimhne, cha mhòr facal air an fhacal, air searmoin a chuala e. Bha e sgileil mar iasgair agus mar shealgair.

Release date:

30 minutes