Dè a bhuaidh a th’ aig turasachd air Uibhist?
Dè a’ bhuaidh a th’ aig turasachd air Uibhist anns an latha a th’ ann? How is Uist being affected by tourism?
Gach bliadhna tha barrachd is barrachd dhaoine a’ tadhal air na h-eileanan. Tha Coinneach ann an stiùidio Lionacleit, a’ cluinntinn bho Uibhistich air mar a tha turasachd air atharrachadh agus air buaidh a thoirt air an eilean.
Tha an Dotair Urramach Dòmhnall Caskie ainmeil ann an eachdraidh an Dàrna Cogaidh – ministeir Ìleach a shàbhail na mìltean de shaighdearan Breatannach is Frangach nuair a smachdaich na Gearmailtich an Fhraing. Chaidh crois a lorg ann an seann eaglais a bha air a thoirt dhà mar thiodhlaic – is e air a bhith a-mach à sealladh airson fichead bliadhna. Ach cò bh’ anns an “Tartan Pimpernel”? Tha Coinneach a’ cluinntinn bho Sheònaid Boydell anns an Fhraing, agus ag ath-chraoladh còmhradh le dithis à Ìle a choinnich e nan òige: Raibeart Forest nach maireann, agus Donnchadh Stiùbhart.
Agus beachd air a’ Bhuidheann Rannsachaidh Eòrpach, neo an ERG. Buidheann a th’ air a mheas mar phàrtaidh am broinn a’ phàrtaidh Tòraidheach, a tha gu làidir an aghaidh an Aonaidh Eòrpaich. Ach mar a tha Anna NicLeòid a’ mìneachadh, tha a trioblaidean fhèin aig a’ bhuidheann. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 10 Apr 2019 09:00ý Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Apr 2019 21:00ý Radio nan Gàidheal