17/04/2019
Ciamar a tha a' dol dha croitearan le à m breith nan uan? Daily debate and discussion.
Le croitearan an teis mheadhan à m breith nan uan, gheibh sinn beachd bho chuid air mar a tha e a' dol dhaibh.
Ann an sreath ùr bithidh Mà iri NicRath ag innse dhuinn mu na h-adhartasan a th' air nochdadh ann an obraichean-lannsa thairis air na bliadhnaichean. A' tòiseachadh le lannsaireachd chridhe, ciamar a thathar a' dèanamh na lannsaireachd seo san latha an-diugh?
Ann an 1985 ghlac sgioba beag criogaid à Alba aire na dùthcha, agus gu leòr thall thairis cuideachd, nuair a bhuannaich iad farpais chriogaid nà iseanta do bhailtean beaga - a' chiad sgioba criogaid Albannach a rinn an leithid. B’ i Freuchie am baile, agus tha planaichean a-nis gan cur an gnìomh gus film a dhèanamh mu dheidhinn na sgeulachd aca. Tha Derek MacAoidh còmhla rinn airson barrachd innse dhuinn.
Agus anns an t-sreath aige a' dèanamh mìneachadh air saidhg-eòlas, bithidh Dòmhnall MacLeòid a' togail air saidhg-eòlas mar saidheans.
Last on
Broadcasts
- Wed 17 Apr 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Apr 2019 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal