Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1030
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1030.
Roddy Maclean reads this week's letter for GÃ idhlig learners.
Last on
Wed 17 Apr 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 726
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1030
Duration: 05:00
Litir 1030: An Gibean mar Leigheas
A bheil sibh eòlach air an fhacal gibean? Am measg eile, tha e a’ ciallachadh, a rèir Faclair Dwelly, ‘St Kilda pudding made of ... a mixture of fulmar fat, oatmeal etc. Said to be most sustaining and efficacious against coughs and kindred lung troubles.’
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mun chunntas a rinn an Sgitheanach, Mà rtainn MacIlleMhà rtainn, de Hiort o chionn còrr is trì cheud bliadhna. A Late Voyage to St Kilda. Dh’inns e mar a bhiodh a’ chuthag a’ nochdadh anns na h-eileanan sin mar chomharra gun robh ceann-cinnidh nan Leòdach air bàs fhaighinn.
Anns an dearbh chunntas, dh’inns an t-ùghdar dhuinn mun ghibean. Bha an stuth sin air a chleachdadh mar leigheas airson casadaich a thigeadh air na h-eileanaich gach turas a nochdadh bà ta à à ite eile, gu sònraichte bà ta bà illidh na h-oighreachd. Bha an galar seo draghail, gu h-à raidh air an oidhche nuair a bhite a’ dèanamh ronn no splangaid gu leòr. Bhiodh e a’ maireachdainn suas ri ceala-deug.
Sgrìobh MacIlleMhà rtainn, ‘the most sovereign remedy against this disease is their great and beloved catholicon, the giben ...’ Mhìnich e gum b’ e an gibean geir nan eun-mara a chuireadh iad gu feum airson sgròban an t-sùlaire a lìonadh, agus nà dar de dh’annlan a dhèanamh. Bha a leithid aig na Gà idheil ann an eileanan eile cuideachd.Ìý
Bhiodh na Hiortaich a’ measgachadh a’ ghibein le min-choirce airson brochan a dhèanamh, agus ghabhadh iad am brochan mar leigheas airson a’ ghalair. Agus ʼs e ‘brochan’ a chanadh iad ris, mar a dhearbh MacIlleMhà rtainn – aig an robh là n a chinn de Ghà idhlig. Dh’inns na h-eileanaich dha, ge-tà , nach robh an leigheas cho èifeachdach ri a linn-sa ʼs a bha e ùine roimhe.
Cha do thuig daoine aig an à m sin mar a bhiodh galaran a’ sgaoileadh. No mar a sheasadh anti-cuirp an aghaidh ghalaran. Agus cha robh na Hiortaich toilichte nuair a dhearbh MacIlleMhà rtainn gun robh e teagmhach mun sgeul aca. Feumaidh nach do ghabh e ris an toiseach gum biodh casadaich a’ nochdadh nam measg gach turas a thigeadh bà ta à à ite eile. Ach chuir e ceist mun ghnothach air a h-uile duine agus dh’aontaich iad uile – sean is òg – gun robh e fìor. Bha eadhon leanaban air a’ bhroilleach a’ fulang leis a’ ghalair. Bha na h-eileanaich dhen bheachd gun robh iad ga fhaighinn bho luchd-siubhail a bha a’ fuireach anns na taighean aca.
Chan e sin a-mhà in, ach bhiodh a’ chasadaich a’ maireachdainn na b’ fhaide nuair a bha bathar air a thoirt air tìr. Agus, gach turas a rachadh Hiortach gu eilean eile, leithid Na Hearadh no an Eilein Sgitheanaich, bhiodh a’ chasadaich a’ tighinn orra anns an dearbh dhòigh. Dh’fheumadh iad an dà rna cuid gibean fhaighinn no falbh dhachaigh a Hiort airson feabhas a thoirt orra fhèin. O, nam biodh lighichean air èisteachd ris na Hiortaich aig an à m sin – ʼs dòcha gun robh iad air mòran ionnsachadh mu sgaoileadh ghalaran!
Feumaidh gun do nochd an galar nuair a chaidh MacIlleMhà rtainn ann. Ach sgrìobh e, cho luath ʼs a bha e seachad, agus e air a chur am feabhas le gibean, nach robhar a’ casadaich tuilleadh, eadhon ged a bha iad uile – dà cheud gu leth duine eadar Hiortaich is coigrich – a’ tighinn cruinn còmhla mar choitheanal airson seirbheisean eaglais.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Mà rtainn MacIlleMhà rtainn: Martin Martin; na h-eileanaich: the islanders; dh’aontaich: agreed; Hiortach: St Kildan; lighichean: physicians.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mar chomharra gun robh ceann-cinnidh nan Leòdach air bà s fhaighinn: as a mark of the death of the clan chief of the MacLeods; mar leigheas airson casadaich a thigeadh air na h-eileanaich gach turas a nochdadh bà ta à à ite eile: as a cure for coughing that would come upon the islanders every time a boat would come from another place; gu sònraichte bà ta bà illidh na h-oighreachd: particularly the estate steward’s boat; a’ maireachdainn suas ri ceala-deug: lasting up to a fortnight; geir nan eun-mara a chuireadh iad gu feum airson sgròban an t-sùlaire a lìonadh: fat of seabirds that they would use to fill the crop of the gannet; agus nà dar de dh’annlan a dhèanamh: to make a sort of main course; a’ measgachadh a’ ghibein le min-choirce airson brochan a dhèanamh: mixing the gibean with oatmeal to make a porridge; aig an robh là n a chinn de Ghà idhlig: who was totally fluent in Gaelic; cho èifeachdach ri a linn-sa ʼs a bha e ùine roimhe: as effective in his time as it was a time before; mar a sheasadh anti-cuirp an aghaidh ghalaran: how antibodies would stand against diseases; bha eadhon leanaban air a’ bhroilleach a’ fulang: even babies on the breast would be suffering; bhiodh a’ chasadaich a’ maireachdainn na b’ fhaide nuair a bha bathar air a thoirt air tìr: the coughing would last longer when goods were brought ashore; anns an dearbh dhòigh: in the same way; no falbh dhachaigh a Hiort airson feabhas a thoirt orra fhèin: or to go home to St Kilda to cure themselves; ʼs dòcha gun robh iad air mòran ionnsachadh mu sgaoileadh ghalaran: perhaps they would have learned a lot about the spread of diseases; nach robhar a’ casadaich tuilleadh: that there was no longer any coughing; dà cheud gu leth duine eadar Hiortaich is coigrich: two hundred and fifty people between St Kildans and strangers; a’ tighinn cruinn còmhla mar choitheanal airson seirbheisean eaglais: coming together as a congregation for church services.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: nuair a bhite a’ dèanamh ronn no splangaid gu leòr: when plenty of phlegm was being generated. Bhite is a passive conditional verb and is often used in conjunction with a verbal noun, describing an action over time.Ìý
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: air a chur am feabhas le: cured by.
Broadcasts
- Sun 14 Apr 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Apr 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.