Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgoiltean 's eaglaisean Ruaig agus Chòrnaig an Tiriodh

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha.
Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.

Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bàrd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phàirt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bàrdachd agus bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gàidhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig ( MAGOG ).

San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. Sa program sa tha iad ann an Tiriodh a' tadhal air toglaichean a bha gu math bunaiteach do bheatha Dhòmhnaill - sgoiltean agus eaglaisean. Tha aon sgoil ris nach urrainn dha fiù 's coimhead nuair a tha e a' dol seachad leis a' ghràin a bh' aige oirre agus tèile a tha a' toirt togail dha chridhe. A thaobh nan eaglaisean 's e cianalas a tha iad a' dùsgadh le mar a bha athair a' searmonachadh unnta agus aon na tobhta agus an tèile an-diugh na taigh-còmhnaidh.

30 minutes

Last on

Sun 21 Apr 2019 09:30

Broadcasts

  • Thu 18 Apr 2019 12:00
  • Thu 18 Apr 2019 22:00
  • Sun 21 Apr 2019 09:30