Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dè cho luath 's a ghabhas marathon a ruith?

Tha Coinneach a' faighneachd an gabh marathon a dhèanamh ann an dà uair a thìde? Can a marathon be run in two hours? coinneach@bbc.co.uk

Chaidh ceistean a thogail sa phàrlamaid thairis air na seachdainean a chaidh a seachad, mu ghoireasan agus maoineachadh nam poileas. A bheil trioblaid ann? No a bheil againn ach na gearainean àbhaisteach son seirbhis poileas? Tha Coinneach a’ ceasnachadh Calum Steele, Rùnaire Chaidreachas nam Poileas, mun chuspair.

Bho chionn còig cheud bliadhna an t-seachdain sa, bhàsaich Leonardo Da Vinci. Innleadair, fear-ealain, agus fear-dealbhachaidh cho ainmeil is a bh’ ann na latha, agus eadhon an-diugh tha ainm air bilean an t-sluaigh. Ach dè cho cudromach agus a bha e? Agus a bheil sinn a’ dèanamh gu leòr luaidh air?

Nas fhaisge air ar dachannan ge-tà, tha Eliud Kipchoge an dòchas marathon a ruith ann an dà uair a thìde. Ach an gabh a leithid a dhèanamh?

Agus beachd air mar a tha obair-lannsa agus eòlas leighis a’ tighinn air adhart, còmhla ris a’ bhith-eòlaiche Màiri NicRath. An-diugh tha aire Mhàiri air tinneas an t-siùcair.

57 minutes

Last on

Tue 7 May 2019 21:00

Broadcasts

  • Tue 7 May 2019 09:00
  • Tue 7 May 2019 21:00