Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach.
Gaelic service conducted by Rev John MacLeod Free Church (Continuing).

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac.

Salm 68: 15-16 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh a chaidh a chlàradh ann na Eaglais Shaor a’ Bhac.
Salm 126: 1-2 air fonn Morven agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal eaglais Shaor Phort Rìgh.

Leughadh: Seumas 5: 1-11
Ceann-teagaisg: Seumas 5: 7-11

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

30 minutes

An t-Urr Iain MacLeòid

An t-Urr Iain MacLeòid

Broadcasts

  • Sun 12 May 2019 09:00
  • Sun 12 May 2019 15:00