Cò mu dheidhinn a tha Pròiseact an Fhìor-à ite
Iomradh air Co-labhairt Dualchas do Dhaoine anns na h-Eileanan an Iar. Opinions from the Heritage for People Symposium in the Western Isles. bbc.co.uk/coinneach
Chaidh an Co-labhairt Dualchas do Dhaoine anns na h-Eileanan an Iar a chumail ann an Steòrnabhagh an dè. 'S ann fo bhratach Pròiseact An Fhìor-à ite a bha a cho-labhairt 's iad a' trusadh beachdan gus plana ro-innleachd agus gnìomha a chruthachadh do na h-Eileanan an Iar. Thadhail Coinneach air a’ cho-labhairt son beachdan cuid a bha an là thair a' chluinntinn.
Thà inig Yanis Varoufakis, Ministeir Ionmhais na Grèige bhon Fhaoilleach chun an Iuchair 2015, gu aire a mhòr-shluaigh as dèidh an staing ionmhais anns an robh an dùthaich air bhliadhna ud. A-nis tha ainm Varoufakis air nochdadh a-rithist agus aig deireadh na mìos seo feuchaidh e toirt air luchd bhòtaidh a thaghadh mar bhall den Phà rlamaid Eòrpach, ach an turas seo, chan ann anns a’ Ghrèig ach anns a Ghearmailt. Tha Maureen Nic leòid a’ mìneachadh cò e agus tha Crìsdean Stromstorfer còmhla rinn à Nuremberg ag innse dè tha daoine anns a Ghearmailt a' dèanamh dheth.
Tha Dòmhnall Macleòid air ais leis an t-sreath aige air saidhg-eòlais, an t-seachdain seo, tha e mìneachadh daoinnaireachd.
An cuala sibh riamh mu dheidhinn Phage Therapy? Tha am fear saidheans Dùghlas Moireasdan a’ mìneachadh. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 15 May 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 15 May 2019 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal