Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha soirbheas math ann an seòl Dhòmhnaill Meek 's obair seachad

Dòmhnall Meek a' beachdachadh air an iomadh gaoth a shèid ann an seòl a bheatha.
Prof Donald Meek examines the twists and turns his life has taken, personally and academically.

Tirisdeach, croitear, sgoilear, tidsear, bàrd, sgrìobhadair: tha iad gu lèir a’ freagairt air an Àrd-Ollamh Dòmhnall Meek. Thogadh e an Tiriodh agus tha croit is dachaigh a sin fhathast a th' air a bhith na phàirt mhòr de bheatha. Chaidh e a dh'Oilthighean Ghlaschu agus Chambridge, a' ceumnachadh às gach fear le urram ciad clas, à Glaschu le Ceiltis 's à Cambridge le Anglo-Saxon, Norse agus Ceiltis. Thill e a dh'Alba às dèidh bliadhnaichean sona an Cambridge gu obair air Faclair na Gàidhlig an Oilthigh Ghlaschu. Bha e an uair sin na Àrd-Ollamh ann an Roinn Ceiltis Oilthigh Obar Dheathain agus Dhùn Èideann. A thuilleadh air a sin tha e air iomadh leabhar a sgrìobhadh ann an raointean cho eadar-dhealaichte ri eachdraidh nan eaglaisean, bàrdachd agus bàtaichean Mhic a' Bhruthainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an iomadach buidheann eadar Comann Gàidhlig Inbhir Nis, Comann Eachdraidh Eaglaisean an h-Alba agus na chathraiche air Buidheann Comhairleachaidh Ministreil na Gàidhlig ( MAGOG ).

San t-sreath seo 's e sealladh gu math pearsanta a tha sinn a' faighinn air Dòmhnall Meek 's air na cuspairean a bha agus a tha cudromach na bheatha is e a' beachdachadh air a h-uile car is toinneamh a ghabh i còmhla ri Annella Nicleòid. B' e briseadh na shlàinte ann a 2004 a thug air Dòmhnall Meek smaoineachadh air a bheatha ann an dòigh eile. Ciamar dha-rìribh mar a bha e ag iarraidh an còrr de bheatha a chur seachad? Sa phrògram sa, air a' là a tha Domhnall a' ruighinn 70 bliadhna a dh'aois, tha sinn a' faighinn beachd air mar a tha a' chùis air còrdadh ris bho leig e dheth a dhreuchd ann an 2008. Chan eil e air a bhith dìomhain!

30 minutes

Last on

Sun 19 May 2019 09:30

Clip

Broadcasts

  • Thu 16 May 2019 12:00
  • Thu 16 May 2019 22:00
  • Sun 19 May 2019 09:30