D-Day
Dealbh air na thachair air D-Day, an 6mh den Ògmhios 1944 bho chuid de na bha a' sàs ann.
The events of D-Day as described by some of those involved on the 6th June 1944.
Air an 6mh den Ògmhios 1944, thill feachdan Bhreatainn agus Ameireagaidh dhan Fhraing, às dèidh a bhith an Ceann a Tuath Afraga agus san Eadailt, gu cladaichean Normandy. B’ e seo D-Day – an oidhirp bu treise airson ruaig a chuir air na Gearmailtich agus an grèim teann a bh’ ac' air iar-thuath na Roinn Eòrpa a bhriseadh .
Bha na Gearamailtich air cùisean a dhèanamh cha mhòr do-dhèanta dhaibh. Bha an costa air a dhion leis an Atlantic Wall; na mìltean de shaighdearan, gunnaichean mòra, mèinnean agus tòrr chnapan-starra eile a bh’ air an stèidheachadh bhon Òlaind, sìos costa na Frainge, cho fada deas ri crìochan na Spà inn. Bha là n dhùil aig na Gearamailtich ri ionnsaigh air costa na Frainge – ach cha robh cà il a dh’ fhios aca cà it’ no cuin a thigeadh i.
Bha feachdan a' chaidreachais air a bhith deasachadh airson còrr ‘s bliadhna airson a thighinn air tìr anns an Fhraing; a' rannsachadh gu dè an t-ait’ a b’fheà rr air a shon agus a' feitheamh air an à m ceart a thaobh a' là n agus solas na gealaich.
Cha deach ullachadh cho mionaideach a dhèanamh a-riamh roimhe le còrr air trì millean saighdear air cruinneachadh ann an ceann a deas Shasainn, a’ treà nadh, a’ deasachadh agus a’ feitheamh ris an òrdugh falbh.
Sa phrògram sa, air a thoirt thugaibh le Iain Moireach ann an 1984, cluinnidh sibh Ruaraidh Moireasdan à Nis a bha air soitheach a bha ag ullachadh airson na h-ionnsaigh 's a bha a' cur saighdearan air tìr san Fhraing, Tormod MacAonghais bhon a' Bhac a bha sa Nèibhidh 's a bha am measg buidheann Chanèidianaich a chaidh a-null agus a bhrà thair, Domhnall MacAonghais, a bha ag obair air Pluto, a' phìob fon chuan a bha a' toirt ola a-null dhan Fhraing.
Last on
Broadcasts
- Thu 6 Jun 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 6 Jun 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Jun 2019 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal