An t-Urr Tormod MacÃŒomhair, Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ris an Urr Tormod MacÌomhair bho Eaglais na h-Alba. Gaelic religious service conducted by Rev Norman MacIver, Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus leughadh a leanas:
Salm 86: 15-16 air fonn Evan agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh
Salm 36: 7-8 air fonn London New agus ‘s e an t-Urr Coinneach Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Clas Sailm Chille Mhoire.
Salm 37: 39-40 air fonn Torwood agus ‘s e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Leughadh: Ecsodus 15: 22-27
Ceann–teagaisg: Ecsodus 15: 22
'S ann do sgìre Shiadair san Rubha a bhuineas Mgr MacÌomhair. Ghluais e a Ghlaschu nuair a bha e ochd bliadhna deug agus bha e ag obair ann an oifis airson còig bliadhna. Nuair a bha e mu bhliadhna ann an Glaschu thà inig atharrachadh na bheatha agus thòisich e a' leantainn beatha Chrìosdail.
Nuair a chaidh a ghairm chun na ministrealachd, bha aige ri dhol dhan cholaiste airson bliadhna airson deuchainn fhaighinn ann am foghlam aig à rd-ìre. Às dèidh sin bha cùrsa diadhachd de chòig bliadhna aige ri dhèanamh ann an Colaiste na Trianaid.
Phòs e fhèin 's a bhean, Catherine, ann an 1974 nuair a bha e deiseil dhan trèanadh aige. Rinn Mgr MacÌomhair dà bhliadhna na mhinistear-cuideachaidh ann an Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Linlithgow mus deach a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Eaglais na h-Alba ann an Cille Mhoire is Paibeil an Uibhist a Tuath. Bha Mgr MacÌomhair na mhinistear san sgìre sin son còrr air deich bliadhna mus deach a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart ann an 1988, far an robh e chun an t-Samhain 2011. Tha e a-nise air a dhreuchd a leigeil dheth agus a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Last on
An t-Urr Tormod MacÃŒomhair
Broadcasts
- Sun 9 Jun 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Jun 2019 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal