Christine Primrose
Iain MacIlleMhìcheil le ceistean pearsanta do Ghà idheil a tha aithnichte. John Carmichael asks well-known Gaels some personal questions.
Rugadh is thogadh Christine Primrose ann an Cà rlabhagh air taobh siar Eilean Leòdhais. Tha i air a bhith a’ seinn an ìre mhath bho ’s cuimhne leatha agus dh’ fhàs a h-ùidh ann a bhith a’ rannsachadh ’s a' gabhail òrain bho a dualchas fhèin is i fhathast gu math òg. An-diugh tha a cliù mar shà r-sheinneadair air sgaoileadh gu dùthchannan air feadh na Roinn Eòrpa agus gu na Stà itean Aonaichte, Canada is Astrà ilia.
Am measg gach urram a chaidh a bhuileachadh oirre, bha i air a h-ainmeachadh mar sheinneadair Gà idhlig na Bliadhna aig na Scottish Trad Awards ann an 2009 agus choisinn i MBE ann an 2018 airson a cuid obrach as leth ceòl, cultar is foghlam na Gà idhlig ann an Alba agus gu h-eadar-nà iseanta.
Tha Christine air grunn chlà ir a dhèanamh agus bidh i tric ag obair còmhla ris a’ chlà rsair ainmeil Alison Kinnaird. Còmhla, bha iad nan riochdairean aig an fhèis Scotland at the Smithsonian ann an Washington D.C. ann an 2003.
Tha i bho chionn faisg air dà fhichead bliadhna air a bhith a’ teagasg òrain Ghà idhlig aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clip
-
Sealladh Eile: Christine Primrose
Duration: 01:08
Broadcasts
- Mon 22 Jul 2019 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 22 Jul 2019 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jul 2019 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal