Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1046
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1046. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 7 Aug 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 742
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1046
Duration: 05:00
Litir 1046: Iain Ruadh Stiùbhart (1)
Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth
Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
Na cheatharnach, fhathast gun sìth
ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
Tha sinn air a bhith ann am Bà ideanach is Srath Spè thar grunn seachdainean. Mus fhà g sinn an sgìre sin, tha mi airson innse dhuibh mu fhear de na daoine as ainmeile riamh a bhuineadh dhi – Iain Ruadh Stiùbhart. ʼS e a sgrìobh an earrann leis an do thòisich mi an Litir – a’ chiad rann de dh’Ùrnaigh Iain Ruaidh.Ìý
ʼS e bà rd a bh’ ann an Iain Ruadh, ach fad a bharrachd na sin. Bha e na shaighdear cliùiteach, na phìobaire agus na ruagalaiche, am measg eile. Bha e cuideachd na Sheumasach ainmeil, agus na chomhairliche don Phrionnsa Òg, Teà rlach Stiùbhart. Tha cuid dhen bheachd gur e Iain a chleachd an sgrìobhaiche Raibeart Louis Stevenson mar mhodail airson Ailean Breac Stiùbhart anns an nobhail aige ‘Kidnapped’, seach am fìor Ailean Breac fhèin.
Rugadh Iain Ruadh ann an Cnoc Chinn Chà rdainn, faisg air Uisge Spè, anns a’ bhliadhna seachd ceud deug. B’ e a sheanair am fear mu dheireadh de Bharain Chinn Chà rdainn. Fhuair Iain òg foghlam math, agus chuir e seachad ùine air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa.
Naoi bliadhna mus do dh’èirich na Seumasaich ann an ceathrad ʼs a còig (1745), bha Iain Ruadh anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis. Bhris e a-mach às agus chaidh e gu taigh ʼic Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach. A rèir fianais aig cùis-chùirte ʼic Shimidh, an dèidh Ar-a-mach nan Seumasach, bhruidhinn an dithis mun à m nuair a thigeadh Teà rlach Òg a-null, agus mar a bhiodh cogadh ann, leis an amas Rìgh Seumas a chur air ais air an rìgh-chathair.
Bha Iain Ruadh greis na shaighdear air tìr-mòr na Roinn-Eòrpa – air taobh na Frainge. Thà inig e an aghaidh a shà r nà mhaid – Diùc Chumberland – aig Blà r Fontenoy anns a’ Chèitean seachd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1745). Trì mìosan an dèidh sin, chuala e an naidheachd gun robh am Prionnsa air a bhratach a thogail air a’ Ghà idhealtachd. Cha b’ e ruith ach leum dha tilleadh dhachaigh, agus choinnich e ri arm nan Seumasach ann am Blà r Athall. Chuir e rèisimeid ri chèile ann an Dùn Èideann – The Edinburgh Regiment – ged a bha mòran de na bh’ innte às a’ Ghà idhealtachd.
Bha Iain an sàs ann an grunn chathan eadar na Seumasaich agus armailt a’ Chrùin ann am Bliadhna a’ Phrionnsa. Bha a rèisimeid gu mòr an urra ri obair cuairtearachd is freiceadain air an rathad gu tuath, an dèidh gun do thionndaidh iad aig Derby.
Aig Blà r Chùil Lodair, bha Iain Ruadh os cionn a rèisimeid – a bha mar phà irt dhen chiad loidhne a dh’fhuiling gu dubh. A rèir beul-aithris, chunnaic Cumberland e, agus e a’ marbhadh shaighdearan dearga gu leòr. ‘Cò esan?’ dh’fhaighnich e.
‘Iain Ruadh Stiùbhart,’ fhreagair oifigear aige.
‘A Thighearna,’ thuirt Cumberland, ‘am fear a dh’fhà g mi ann am Flà nras, a’ dèanamh obair deichnear ghaisgeach?! A bheil e air tighinn air mo thòir an seo?’
Ach mar a tha fios againn, chaidh an latha le Cumberland. Theich Iain Ruadh tro Ghortlaig agus choinnich e ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach ann an Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chì sinn anns an ath Litir dè thachair dha an uair sin.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Crìosdaidh: Christian; Bà ideanach is Srath Spè: Badenoch and Strathspey; Iain Ruadh Stiùbhart: John Roy Stuart; ùrnaigh: prayer; ruagalaiche: fugitive; Cnoc Chinn Chà rdainn: Knock of Kincardine; rìgh-chathair: throne; Blà r Athall: Blair Atholl; rèisimeid: regiment; armailt: army; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6; Blà r Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Flà nras: Flanders; Gortlaig: Gorthleck.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth: sitting by the side of a stream, and he tired; na cheatharnach, fhathast gun sìth: who is a fighting man, still without peace; a chas air tuisleadh san tìm gu truagh: his foot having just stumbled poorly [he had sprained an ankle]; bha e cuideachd na Sheumasach ainmeil, agus na chomhairliche don Phrionnsa Òg, Teà rlach Stiùbhart: he was also a famous Jacobite, and an adviser to Bonnie Prince Charlie; a chleachd an sgrìobhaiche X mar mhodail airson Ailean Breac Stiùbhart: which the writer X used as a model for Allan Breck Stewart; tìr-mòr na Roinn-Eòrpa: the continent of Europe; mus do dh’èirich na Seumasaich: before the Jacobites rose; taigh ʼic Shimidh, ceann-cinnidh nam Frisealach: the house of Lovat, the head of the Frasers; a rèir fianais aig cùis-chùirte ʼic Shimidh: according to testimony at Lovat’s trial; thà inig e an aghaidh a shà r nà mhaid: he came up against his mortal enemy; gun robh am Prionnsa air a bhratach a thogail air a’ Ghà idhealtachd: that the Prince had raised his banner in the Highlands; cha b’ e ruith ach leum dha tilleadh dhachaigh: he returned home as fast as he could; an urra ri obair cuairtearachd is freiceadain air an rathad gu tuath: involved in scouting and guarding on the journey north; a’ marbhadh shaighdearan dearga gu leòr: killing many redcoat soldiers; a’ dèanamh obair deichnear ghaisgeach: doing the work of ten heroes; air mo thòir: in pursuit of me; an Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich: Ruthven near Kingussie.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: mu fhear de na daoine as ainmeile riamh a bhuineadh dhi: about one of the most famous people that ever belonged to it. Notice the use of the feminine (3rd person singular) prepositional pronoun dhi ‘to her’. Why feminine? Because it refers back to the word sgìre in the previous sentence, which is feminine.
Gnathas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: B’ e a sheanair am fear mu dheireadh de Bharain Chinn Chà rdainn: his grandfather was the last of the Barons of Kincardine.
Broadcasts
- Sun 4 Aug 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Aug 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.