Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ùig agus na Lochan

Mar a chaidh fearann a bhriseadh às dèidh 1918 ann an sgìrean Ùig is na Lochan an Leòdhas. How land was divided after the First World War in the Lewis districts of Uig and Lochs.

Nuair a thill na fir às a' chogadh ann an 1918 is 1919, cha robh a' chòmhstri seachad. Chaidh fearann a ghealltainn dhaibh – ach cha robh e feitheamh riutha. Anns an t-sreath sa, tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ rannsachadh mar a thachair ann an diofar sgìrean sna h-eileanan.

Bha Ùig agus na Lochan ann an Leòdhas air iomairtean mòra fhaicinn ron a' chogadh. Tha Coinneach a’ cluinntinn bho na eòlaichean Joni Bochanan agus an Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart mu na thachair tron 19mh linn agus às dèidh a' chogaidh, nuair a chaidh bailtean a stèidheachadh a-rithist.

Am measg nan Ùigeach ris a bheil e a’ bruidhinn tha Dòmhnall Iain Moireasdan air a’ Riof. Chaidh a sheanair-san dhan phrìosan ann an 1914 son taca na Riofa a chreachadh. Cuideachd tha e cluinntinn bho Dhòmhnall MacMhathain, a phiuthar Peigi, agus Dolina NicAoidh a chaidh a thogail ann an Eadar Dà Fhadhail; taca a bh’ air a bhriseadh an dèidh a' chogaidh. Bha teaghlach Anna NicFhionghain a’ ruith an taca chun uairsin agus tha i ag innse mar a thàinig daoine bho air feadh Ùig a dh’fhuireach anns a’ bhaile.

Ach bha sgeulachdan eadar-dhealaichte ann an sgìrean eadar-dhealaichte, is tha Coinneach cuideachd a’ cluinntinn bho Thorcuil MacLeòid mu bhaile Stìomrabhagh. Chaidh am baile sin fhuadach san 19mh linn, ach às dèidh a' chogaidh dh’fheuch teaghlach a mhàthair ri stèidheachadh às ùr. Chaidh iad ann – ach cha d’fhuair iad aithneachadh oifigeil.

Mura b’ e mar a sheas na fir às dèidh a' chogaidh, bhiodh sgìrean Ùig agus na Lochan gu math na b’fhalamh a’ coimhead an-diugh.

30 minutes

Last on

Sun 18 Aug 2019 09:30

Broadcasts

  • Thu 15 Aug 2019 12:00
  • Thu 15 Aug 2019 22:00
  • Sun 18 Aug 2019 09:30