Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1048
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1048. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 21 Aug 2019
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 744
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1048
Duration: 05:00
Litir 1048: Iain Ruadh Stiùbhart (3)
Tha mi a’ dol a chur crìoch air mo chunntas air an t-Seumasach ainmeil à Srath Spè, Iain Ruadh Stiùbhart. Bha e na ruagalaiche an dèidh Chùil Lodair. Fhuair e fios bhon Phrionnsa, Teà rlach Ã’g, a dhol a chèilidh air ann an Cèidse Chluainidh – Cluny’s Cage – taobh Beinn Eallair. Nise, tha à ite air na mapaichean deas air Beinn Eallair faisg air Loch Eireachd – Prince Charlie’s Cave – ach tha mòran dhen bheachd nach e sin a bh’ anns a’ Chèidse idir.Â
Tha iad ag rà dh gun deach a togail de dh’fhiodh air cliathaich na beinne. Bha i air a còmhdachadh le duilleach cuilinn agus còinneach gus nach biodh e furasta a faicinn aig astar.
Co-dhiù, sin far an robh am Prionnsa aig toiseach an fhoghair, seachd ceud deug ceathrad ʼs a sia (1746). Chaidh Iain Ruadh ann a chèilidh air, tha mi cinnteach, airson a dhìlseachd a dhearbhadh aon turas eile agus, mar a thachair e, airson teicheadh cuide ris. Goirid an dèidh a bhith sa Chèidse, sheòl iad don Fhraing còmhla air bòrd soitheach Frangach à Loch nan Uamh.
Chaochail Iain Ruadh anns an Fhraing sia bliadhna an dèidh Blà r Chùil Lodair, ach chan eil cinnt ann cà ite. Agus chan eil sgeul air uaigh.
Tha, ge-tà , à ite ann an Srath Spè far a bheilear ga chuimhneachadh. Anns a’ bhliadhna dà mhìle (2000), chaidh carragh-cuimhne a thogail dha faisg air à ite a bhreith ann an Cinn Chà rdainn.Â
Agus, a h-uile bliadhna anns an Lùnastal, bidh feadhainn a’ coiseachd gu mullach a’ Chùirn Ghuirm airson bratach Chinn Chà rdainn a chur an-à irde mar chuimhneachan air Iain Ruadh. Tha iad a’ leantainn air fear Seumas Mac an t-Saoir à Beag Ghleann anns a’ Ghleann Mhòr. ʼ³§ e a bha an urra ri bratach uaine Chinn Chà rdainn aig Cùil Lodair. Rinn e cinnteach nach fhaigheadh na saighdearan dearga grèim oirre.Â
Gach bliadhna an dèidh Blà r Chùil Lodair, air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal, bhiodh Seumas a’ dol gu mullach a’ Chùirn Ghuirm airson a’ bhratach a chur an-à irde mar chuimhneachan air Iain Ruadh agus na fir eile à Srath Spè a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa. Carson a thagh e an latha sin? Uill, b’ ann air an latha sin a chaidh bratach nan Seumasach a thogail ann an Gleann Fhionnain aig toiseach Bliadhna Theà rlaich.
A bharrachd air an dà n aige Latha Chùil Lodair, sgrìobh Iain Ruadh dà n eile mun chath. ʼ³§ e an t-ainm a th’ air Ã’ran Eile air Latha Chùil Lodair. Anns an òran seo, tha am bà rd ag ainmeachadh cuid de na fineachan a ghabh pà irt anns a’ chath. Mar eisimpleir, tha e a’ caoidh nach robh Clann ʼic a’ Phearsain, no Clann Mhuirich mar a bh’ aige fhèin orra, an là thair. B’ e sin adhbhar eile, ann am beachd Iain, a chaill na Seumasaich. Bidh feadhainn a’ gabhail pà irt dheth chun an latha an-diugh. Seo dà rann dheth:
O gur mis’ th’ air mo chrà dh, thuit mo chridhe gu là r,
ʼ³§ tric snighe gu ʼm shà il o ʼm lèirsinn.
Dh’fhalbh mo chlaistinneachd bhuam,
Cha chluinn mi san uair, gu mall no gu luath nì ʼs èibhinn.
Mu Phrionns’ Teà rlach mo rùin, oighre dligheach a’ chrùin,
ʼ³§ e gun fhios dè an taobh a thèid e,
Fuil Rìoghail nam buadh, bhith ga dìobairt san uair,
ʼ³§ mac dìolain le sluagh ag èirigh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain Ruadh Stiùbhart: John Roy Stuart; ruagalaiche: fugitive; Loch Eireachd: Loch Ericht; carragh-cuimhne: memorial; Cinn Chà rdainn: Kincardine; Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Beag Ghleann: Beglan [now deserted village]; Gleann Fhionnain: Glenfinnan; fineachan: clans; claistinneachd: [sense of] hearing.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: a dhol a chèilidh air ann an Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair: to go and visit him in Cluny’s Cage over Ben Alder way; gun deach a togail de dh’fhiodh air cliathaich na beinne: that it was built of wood on the side of the mountain; air a còmhdachadh le duilleach cuilinn agus còinneach: covered by holly foliage and moss; airson a dhìlseachd a dhearbhadh aon turas eile: to prove his loyalty one more time; mar a thachair e, airson teicheadh cuide ris: as it happened, to flee with him; sheòl iad don Fhraing còmhla air bòrd soitheach Frangach: they sailed to France together on board a French vessel; chan eil sgeul air uaigh: there is no knowledge of a grave; gu mullach a’ Chùirn Ghuirm: to the summit of Cairn Gorm; ʼs e a bha an urra ri bratach uaine X: he was responsible for the green flag of X; air an naoidheamh latha deug dhen Lùnastal: on 19th August; na fir eile à Srath Spè a dh’èirich ann an adhbhar a’ Phrionnsa: the other men from Strathspey who rose for the Prince; a’ caoidh nach robh Clann ʼic a’ Phearsain, no Clann Mhuirich mar a bh’ aige fhèin orra, an là thair: lamenting that the MacPhersons, or Clann Mhuirich as he called them, were not present; gur mis’ th’ air mo chrà dh: that I am tortured; ʼs tric snighe gu ʼm shà il: often tears [go to] my heel; oighre dligheach a’ chrùin: the rightful heir to the crown; fuil Rìoghail nam buadh, bhith ga dìobairt san uair: the virtuous royal blood being forsaken at this hour.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ʼ³§ mac dìolain le sluagh ag èirigh: and a bastard son rising with a host. I have given this translation because John Roy clearly meant it as an insult (it is a reference to the Duke of Cumberland); it is the translation generally given by singers of the song. However, in normal circumstances, mac dìolain means ‘illegitimate son’ and doesn’t have the pejorative flavour of ‘bastard’. Cumberland was not strictly illegitimate but the Jacobites considered him and his family to be usurpers of the ‘true’ royal line.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: faisg air à ite a bhreith: close to his birthplace.
Broadcasts
- Sun 18 Aug 2019 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Aug 2019 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.