Prògram sònraichte a chaidh a chlà radh aig Pà irce Bletchley
Prògram sònraichte bho Pà irce Bletchley far an robhas a briseadh chòdan dìomhair. A special programme from Bletchley Park which played a major role in World War 2.
Tha Coinneach an-diugh aig Pà irce Bletchley ann am Milton Keynes far an deach obair chudromach a dhèanamh tro bhliadhnaichean an Dà rna Cogaidh.
Tha ceud bliadhna ann bho chaidh an t-Seirbheis Fiosrachaidh Dìomhair a steidheachadh an toiseach anns an Rìoghachd Aonaichte. Bha an obair an toiseach ann an Lunnainn agus an uairsin tro bhliadhnaichean an Dà rna Cogaidh, ghluais iad gu Pà irce Bletchley.
Am measg an iomadh neach a bha ag obair ann bha Alan Turing, Mavis Batey (Lever,) Dilly Knox agus Bill Tutte. An dùbhlan a bh’ aca se teachdaireachdan dìomhair nan Gearmailtich a leughadh agus am fiosrachadh a sgaoileadh cho luath agus a b' urrainn dhaibh gu na Feachdan Caidreabhach.
Bha faisg air 10,000 neach ag obair ann am Pà irc Bletchley thairis air bliadhnaichean an Dà rna Cogaidh agus se boireannaich anns na Wrens, an ATS agus an WAAF a bh' anns a chuid mhòr dhiubh.
Chaidh an obair a rinneadh aig Bletchley a chumail dìomhair gu meadhan na seachdadan. Cha robh cead aig neach sam bith a bha ag obair ann innse mu chà il sam bith a bha iad a' dèanamh.
A-nis tha an obair sònraichte aca ga cuimhneachadh agus tha cothrom aig daoine tadhail air an à ite airson faighinn a-mach mun iomadh dòigh anns deachaidh aca còdan nan Gearmailtich obrachadh a-mach.
Còmhla ri Coinneach a' faighinn sealladh iongantach air Pà irce Bletchley tha Tommy MacAsgaill agus Iain Alasdair Moireach. coinneach@bbc.co.uk
Last on
Clip
-
Coinneach MacÃŒomhair 270819
Duration: 03:46
Broadcasts
- Tue 27 Aug 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 27 Aug 2019 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal